Oifigich riaghaltais fo chasaid taobhachd
- Air fhoillseachadh

Thathar a' fàgail air oifigich Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad taiceil do mholadh ceilp a bhuain le innlean mòra.
Tha a' chompanaidh, Marine Biopolymers Earranta, a' sireadh cead suas ri 30,000 tunna de cheilp a bhuain far a' chosta an iar.
Chan ann gun chonnspaid a tha an cuid phlanaichean le luchd-glèidhteachais agus iasgairean ag ràdh gun dèan an dòigh san dèanadh iad seo cron air àrainneachd maoraich agus èisg.
Tha a' chompanaidh a' moladh innleanan mòra a chleachdadh a bhiodh a' reubadh na feamad bho ghrunn na mara, am beachd luchd-strì.
Thathar a' cur às leth oifigich Riaghaltas na h-Alba a tha a' measadh an iarrtais aca gu bheil iad a' taobhadh riutha.
Sheall iarrtas a rinneadh fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh gun do dh' innis àrd oifigeach aig Buidheann Mara na h-Alba do Marine Biopolymers gun robh iad airson taic a thoirt do leithid a dh' obair airson obraichean a chruthachadh ann an sgìrean dùthchail.
Èisteachd
Tha BPA na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson a' Phàrtaidh Uaine, Iain Finnie, ag ràdh gu bheil e a' dèanamh dragh dha nach fhaigh luchd-glèidhteachais èisteachd cheart.
Tha a' chompanaidh air cùl nam molaidhean connspaideach a' dol às àicheadh gu bheil an taic a fhuair iad bho Riaghaltas na h-Alba mì-chothromach.
Chan e dreidseadh air grunn na mara airson buain na feamad a tha san amharc aca, thuirt iad, ach doigh a tha gu math cumanta an Nirribhidh - cliathadh na ceilpe le uidheamachd mhòr agus a' fàgail phlanntraisean òga slàn.
Tha iad ag ràdh gu bheil na planaichean aca seasmhach agus gum faodadh an stuth a gheibhear bhon fheamain a bhith air a chleachdadh airson drugaichean aillse a leasachadh.
Thuirt fear-labhairt Riaghaltas na h-Alba gum biodh Buidheann Mara na h-Alba a' toirt feairt air a h-uile beachd a gheibh iad air gach iarrtas agus gum biodh measadh air buaidh na h-àrainneachd air a dhèanamh ann an dòigh chothromach.