County ceum nas fhaisge air cupa

Ross Stiùbhart Image copyright SNS
Image caption Chuir na tadhail aig Ross Stiùbhart County troimhe Disathairne.

Bidh Ross County an aghaidh Bohemians no East Fife san iar-chuairt dheireannaich de Chupa Dùbhlan na h-Alba.

Chaidh an taghadh a dhèanamh Diciadain is Connah's Quay Nomads an aghaidh Edinburgh City sa gheama eile.

Bidh na geamaichean ann an 16/17mh den Ghearran.

Rinn County a' chùis 2-1 air òigridh Thobar na Màthar aig Fir Park sa chairteal chuairt dheireannaich air an deireadh-sheachdain.

Thug an òigridh feasgar doirbh dha na Staggies.

Chuir Ross Stiùbhart County air thoiseach ach fhreagair Adam Livingstone 'son Tobar na Màthar.

Cairt dhearg

Chaidh òigridh Thobar na Màthar an uairsin sìos gu deichnear is Christian Mbulu air a chur far na pàirce, is chuir tadhal eile bho Stiùbhart County troimhe.

Tha Caley Thistle Inbhir Nis a-nise air a dhol 25 geama gun chall às dèidh dhaibh crìochnachadh 3-3 ri Queen of the South ann an Dùn Phris.

Geama iongantach a bha seo is Queen of the South 3-0 air thoiseach is gun ach 20 mionaid air fhàgail.

Tilleadh

Air ais gun tàinig Inbhir Nis is tadhail bho McCart, Austin is breab-peanais bho Shean Welsh gan cur co-ionnan.

Theab ICT an uairsin an geama a bhuannachadh le cothrom eile aig Austin anns na mionaidean mu dheireadh.

"Chan eil fios 'am dè chanas mi", thuirt manaidsear ICT, Iain Robasdan.

"Cha robh sinn math gu leòr 'son 70 mionaid, dh'fhaodadh sinn a bhith air an geama sin a chall 6-0 no 7-0.

Moladh

"Rinn sinn atharrachadh is bha sinn sònraichte, bha cothroman againn an geama a bhuannachadh air a' cheann thall.

"Feumaidh sinn tòiseachadh tòrr nas fheàrr, ach ma chluicheas sinn mar a chluich sinn faisg air deireadh a' gheama, buannachaidh sinn a' mhòr-chuid de na geamaichean againne", thuirt e.

B' e là sònraichte a bh' ann cuideachd do Ghàidheal òg às Inbhir Nis, Ruairidh MacGriogair, a thàinig far na beingidh 'son ICT anns na mionaidean mu dheireadh.

B' e seo a' chiad turas aige sa chiad sgioba.