Chaochail Niall Mac a' Bhreatannaich

Niall Mac 'a Bhreatannaich

Bhàsaich cathraiche Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar.

Bha Niall Mac a' Bhreatannaich air a bhith san dreuchd bho 2011.

Ron sin bha Mgr Mac a' Bhreatannaich air a bhith na àrd-oifigear air Comhairle nan Eilean Siar, agus na stiùiriche air roinn foghlaim an ùghdarrais ionadail.

Dh'fhàs e tinn bho chionn ghoirid, agus bhàsaich e ann an hospice Bhethesda ann an Steòrnabhagh.