Comann nam Pàrant ga stèidheachadh an Steòrnabhagh

Published

Chaidh meur ùr de Chomann nam Pàrant a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh oidhche Ardaoin.

Nochd grunn phàrantan aig a' choinneimh, a' riochdachadh bhun-sgoiltean Steòrnabhaigh is Lacasdail agus Àrd-Sgoil MhicNeacail.

A rèir aon de na pàrantan a bha an làthair, Anna Mhoireach, cha deach bruidhinn air Sgoil Ghàidhlig fa-leth a stèidheachadh sa bhaile, ach chaidh molaidhean a chur air adhart mu dhòighean air am b' urrainn dhaibh taic a thoirt do phàrantan agus sgoilearan.

"Thàinig grunn phàrantan à Lacasdal agus Steòrnabhagh, agus cuid de phàrantan bho Sgoil MhicNeacail cuideachd airson a bhith an làthair," thuirt a' Bh-Ph. Mhoireach.

Taic

"Bha iad a' faireachdainn gu math làidir gun robh iad ag iarraidh thighinn còmhla airson oidhirp a dhèanamh airson feumalachdan Gàidhlig obrachadh a-mach anns a' bhuidhinn agus airson maitheas na cloinne anns na sgoiltean.

"Bha sinn cho toilichte, air sgàth 's nach eil Comann nam Pàrant air a bhith an seo ann an Leòdhas air neo anns na Hearadh airson ùine mhòir.

"Tha sinn a' faireachdainn gu math làidir gu bheil uimhir de chloinn a-nis anns na sgoiltean tro na h-Eileanan an Iar agus gu bheil sinn ag iarraidh taic a thoirt dha na pàrantan, taic a thoirt dha na sgoiltean, taic a thoirt dhan chloinn gus am bi iad ag ionnsachadh a' chànain anns na coimhearsnachdan aca fhèin.

"Agus cuideachd ma tha duilgheadasan sam bith aig pàrant le foghlam na cloinne aca gu bheil buidheann ann far am b' urrainn dhaibh a dhol a dh'fhaighneachd airson comhairle, agus co-obrachadh a dhèanamh le sgoiltean.

"Tha a' bhuidheann toilichte gu leòr airgead a thogail airson feuchainn ri rudan às dèidh na sgoile a dh'aona-ghnothaich airson na Gàidhlig a dhèanamh airson cloinne - leithid dràma, no daoine fhaighinn a tha a' toirt taic le cànan, is rudan mar sin.

"Dìreach gus am bi a h-uile càil co-ionnan ris na tha a' tachairt anns a' Bheurla - ach gu bheil sinn a' coimhead air a' Ghàidhlig, agus Gàidhlig a chumail anns na coimhearsnachdan againn cho làidir 's cho slàn 's is urrainn dhuinn a dhèanamh," thuirt i.

Sgoil Ghàidhlig

Ged a tha cuid air a bhith a' putadh airson sgoil Ghàidhlig fa-leth airson baile Steòrnabhaigh, is coltach nach do nochd an cuspair sin aig a' choinneimh.

"Feumaidh mi a ràdh nach deach bruidhinn mu dheidhinn sin idir," thuirt a' Bh-Ph. Mhoireach.

"An rud a bu mhotha a thàinig am follais, 's e gu bheil faireachdainn aig daoine gu bheil feumalachdan eadar-dhealaichte an seo anns na h-Eileanan an Iar 's a tha air Tìr-Mòr.

"Tha sgoiltean Gàidhlig ann an Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Èideann.

"Ach an rud a th' againn an seo, tha coimhearsnachdan Gàidhlig tro na h-Eileanan an Iar, agus an rud a tha a' Chomhairle againn fhìn ag iarraidh 's e gum bi Gàidhlig anns gach sgoil airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' neartachadh Gàidhlig anns na coimhearsnachdan.

"'S ann bhon taobh sin a bha sinne a' bruidhinn a-nochd, airson taic a thoirt dha na sgoiltean - gu h-àraid a' bhuidheann a tha seo dìreach Steòrnabhagh fhèin, agus tha sinn an dòchas gum bi àitean eile air an eilean, gum bi iad ag iarraidh Comann nam Pàrant aca fhèin a stèidheachadh.

"Ach 's e taic a thoirt anns na coimhearsnachdan fhèin gus am bi a' Ghàidhlig nas làidire," thuirt i.