Tinneas Lyme ga thogail sa Bhruiseil

Published
image captionTha àireamh gu sònraichte mòr de dhaoine a' fulang an tinneis ann an Uibhist.

Chaidh draghan mu mar a tha an àireamh de dhaoine a tha a' fulang leis an tinneas Lyme a' fàs a thogail ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa.

Tha cùisean den tinneas Lyme air fàs cumanta air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan - gu h-àraid ann an Uibhist far an d' fhuair rannsachadh a rinn am BBC gu bheil àireamh nas àirde nan àbhaist a' fulang leis.

'S e an gartan a bhios a' sgaoileadh an tinneis, 's ga chur eadar fèidh is beathaichean stuic, agus daoine.

Tha Buill-Phàrlamaid Eòrpach air iarraidh gun tèid barrachd a dhèanamh gus daoine a dhìon bhuaithe, agus leasachadh a dhèanamh air an leigheas a tha daoine a tha ga fhulang a' faighinn.