Riaghaltas ag amas air fuasgladh aig an A83

Published
image copyrightBear Alba
image captionB' e seo an suidheachadh a bh' ann aig an Rest and Be Thankful san Dàmhair.

Thuirt Rùnaire na Còmhdail is a' Bhun-Structair gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag obair a dh'ionnsaigh fhuasglaidh mhaireannaich aig an Rest and Be Thankful.

Bha Mìchael MacMhathain a' bruidhinn às dèidh dha a bhith os cionn coinneimh de Bhuidhinn-Ghnìomha an A83 ann an Inbhir Aora Diardaoin.

B' e seo a' chiad choinneamh a bh' aca bho chaidh an rathad a dhùnadh aig an Rest and Be Thankful fad còrr is seachdain san Dàmhair às dèidh sreath de mhaoimtean-slèibhe.

Dh'innis Mgr MacMhathain gun dèan Còmhdhail Alba ath-sgrùdadh air an t-siostam a th' ann feuch an rathad a dhìon bho mhaoimtean-slèibhe.

Tha an siostam sin stèidhichte air sreath de dh'fheansaichean os cionn an A83 a tha ag amas air stad a chur air sprùilleach mus ruig e an rathad.

Thig aithisg bho Chòmhdhail Alba ann an 2019.

Fàilte

Thuirt Mgr MacMhathain gu bheil an siostam mar-thà air feum a dhèanamh, is gu bheil e cinnteach gun gabh an tuilleadh leasachaidh a thoirt air.

Ach gheall e cuideachd gu bheil an Riaghaltas ag obair air fuasgladh ceart.

"Feumaidh sinn fuasgladh maireannach a rannsachadh is a thaghadh", thuirt Mgr MacMhathain.

"Tòisichidh sinn pròiseas san Fhaoilleach is faodaidh sinn grunn roghainnean a chur air adhart, is an uairsin an roghainn as fheàrr a th' ann a thaghadh", thuirt e.

Chuir Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid fàilte air faclan Mhgr MhicMhathain.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil an sgìre mar-thà a' tàladh luchd-turais bho fhad is farsaing, is gu bheil iad fhèin ag obair gus fàs a thoirt air an eaconomaidh.

Thuirt iad gu bheil e deatamach dhan sgìre is muinntir an àite gum bi ceanglaichean còmhdhail earsbach aca, is gu bheil an A83 fìor chudromach a thaobh sin.

Dh'iarr ceannard na Comhairle, Aileen Morton, air an Riaghaltas is Còmhdhail Alba fuasgladh a chomharrachadh cho luath 's a ghabhas, is airead a chur mu choinneimh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh