Cothroman ann 'son òigridh Chounty

Steve Fearghasdan Image copyright SNS

Thuirt co-mhanaidsear Ross County, Steve Fearghasdan, gu bheil e den bheachd gum bi cothroman ann 'son òigridh Chounty anns na seachdainean ri tighinn, a' tòiseachadh Disathairne.

Tha sgioba Inbhir Pheofharain an-dràsta às aonais ghrunn chluicheadairean a th' air an goirteachadh, Liam Fontaine is Mìcheal Gardyne nam measg.

Thuirt Fearghasdan ge-tà, nach eil sin a' ciallachadh le cinnt gum bi iad sa mhargaidh 'son chluicheadairean ùra nuair a dh'fhosglas an uinneag aig a' Bhliadhna Ùir.

"Chan eil mi cinnteach mun sin", thuirt Fearghasdan.

"Tha sinne a' faireachdainn gu bheil sguad math againn, is gu bheil buidheann de chluicheadairean òga againn a tha a' feitheamh airson chothrom mar seo.

"Mar sin, feumaidh mi fhìn is Stiùbhart Kettlewell suidhe sìos is coimhead air an t-suidheachadh a th' againn", thuirt e.

Tha aire Chounty a' gluasad air falbh bhon lìog an t-seachdain seo is iad a' cluiche sgioba òigridh Thobar na Màthar Disathairne 'son àite san iar-chuairt dheireannaich de Chupa Dùbhlan na h-Alba.

Annasach

'S e suidheachadh neònach a bhios ann dha na Staggies is iad air cluiche an aghaidh Thobar na Màthar fhèin tric sa Phrìomh Lìog anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Thuirt Fearghasdan ge-tà, gur e geama - is gu dearbha farpais - a tha seo a tha County airson buannachadh.

"Tha sinn air a ràdh bho thùs, farpais sam bith anns a bheil sinn, tha sinn airson a buannachadh.

"Tha sgiobaidhean a' cleachdadh na farpais seo ann an diofar dhòighean.

"Tha sinn fhìn toilichte a cur gu feum 'son geama a thoirt do chluicheadairean a tha air a bhith a' feitheamh cothrom, ach tha sinn 'son an geama Disathairne a bhuannachadh, is ma 's urrainn dhuinn, tha sinn airson an cupa a bhuannachadh", thuirt e.

'S e Tobar na Màthar a' chiad sgioba òigridh a th' air an ìre seo de Chupa Dùbhlan na h-Alba a ruighinn bho chaidh sgiobaidhean òigridh a thoirt a-steach dhan fharpais.

Tha Sligo Rovers às Èirinn am measg nan sgiobaidhean a chuir iad a-mach thuige seo.

Bidh an geama ann Disathairne aig Fir Park aig 3f.