Iomain Cholmcille an Dùn na nGall
- Air fhoillseachadh

Bidh brag nan caman is cànain nan Gàidheal rin cluinntinn ann an Dùn na nGall air an deireadh-sheachdain is Iomain Cholmcille 2018 a' dol air adhart an Gaoth Dobhair.
'S e seo an fharpais iomain airson luchd-labhairt na Gàidhlig agus Gaeilge.
Gu follaiseach tha e air a dhol bho neart gu neart bho chaidh a stèidheachadh ann an 2007.
Gu dearbha, bha Iomain Cholmcille am measg nam pròiseictean a shoirbhich aig na Duaisean Gàidhlig ann an Glaschu an t-seachdain seo.
Mar sin, tha e iomchaidh gur e seo an Iomain Cholmcille as motha a bh' ann thuige seo.
Uile gu lèir, bidh seachd sgiobaidhean a' farpais ann an Gaoth Dobhair.
Ann am farpais nam ban, bidh Mnà Uladh, Cois Fharraige, is sgioba na h-Alba a' dol an aghaidh a chèile.
Brosnachadh
A thaobh nam fear, 's ann eadar Na Gaeil Óga, Fir Uladh, Micheál Breathnach, is sgioba na h-Alba a bhios an fharpais.
'S beag an t-iongnadh gu bheil co-òrdanaiche Iomain Cholmcille, Eòghan Stiùbhart, air bhioran.
"Tha sinn gu math toilichte leis na cluicheadairean, tha deagh mheasgachadh againn", thuirt Eòghan.
"Daoine a dh'ionnsaich Gàidhlig is daoine le Gàidhlig bho thùs. Feadhainn a bhios a' cluich 'son sgiobaidhean mòra, tòrr a' tighinn à Leòdhas is duine no dhà a' tighinn a-steach is tha e math òigridh a bhith ann.
"Tha sinn a' brosnachadh dhaoine na sgilean aca a leasachadh ann an cànan agus ann an camanachd", thuirt e.
'S i Catriona Gibb a tha na manaidsear air boireannaich na h-Alba, is Aonghas MacAonghais is Sean MacLeòid os cionn nam fear.
Tòisichidh gnothaichean an Gaoth Dobhair Disathairne aig 10m.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 17 An Dàmhair 2017