Seirbheis dha na saighdearan "dìochuimhnte"

Published
image copyrightIan S/Geograph
image captionChaidh naoinear de na saighdearan a thiodhlacadh ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

Tha seirbheis ann an Ceann a' Ghiuthsaich Diardaoin gus cuimhneachadh air saighdearan às na h-Ìnnseachan a bhàsaich ann an Alba aig àm an Dàrna Cogaidh.

Bhàsaich 13 saighdearan bho Fheachd K6 ann an Alba.

Bha na saighdearan air sabaid san Fhraing mus tàinig iad a dh'Alba às dèidh Dunkirk.

Chaidh buidheann dhiubh a chur a thrèanadh ann am beanntan a' Mhonaidh Ruaidh mar dheasachadh airson iomairt ann an Nirribhidh.

Ùrnaigh

Chaill naoinear dhiubh am beatha anns an fhuachd san sgìre, is tha iad air an tiodhlacadh ann an cladh Chinn a' Ghiuthsaich.

Chaidh an fheadhainn eile a bhàsaich a thiodhlacadh ann an Cataibh is ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Bidh seirbheis ioma-chreidmheach ann an Ceann a' Ghiuthsaich Diardaoin gus cuimhneachadh air na saighdearan.

Thèid ùrnaigh Ioslamach a dhèanamh is beannachadh Feachdan Armaichte.

Thèid iarrtas a dhèanamh cuideachd airson carragh-cuimhe ann an Alba dha saighdearan Muslamach, Sikheach is Hionduthach a shabaid airson Bhreatainn san dà chogadh.

Chaochail còrr is 160,000 saighdear bho Arm Bhreatainn nan Ìnnseachan anns na cogaidhean.

Ìobairt

Tha Lèigiun Bhreatainn Alba is a' bhuidheann Colourful Heritage à Glaschu a' cur taic ris an iomairt.

Tha is am BPA, Anas Sarwar, a tha na chathraiche air a' Bhuidhinn Thar-Phàrtaidh 'son Dèiligeadh ri Gràin an aghaidh Mhuslamach.

"Fhad 's a tha sinn a' comharrachadh 100 bho dheireadh a' Chogaidh Mhòir, tha e iomchaidh gun aithnich sinn na rinn saighdearan bho Arm Bhreatainn nan Ìnnseachan", thuirt Mgr Sarwar.

"Seo na saighdearan dìochuimhnte aig Breatainn. Na mìltean de dh'fhireannaich òga le creideamhan eadar-dhealaichte a thàinig bho fhad is farsaing, is mòran aca a chaill am beatha", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh