Ath-sgrùdadh aig an Rest and Be Thankful

A83 Image copyright Bear Alba
Image caption B' e seo an suidheachadh a bh' ann aig an Rest and Be Thankful san Dàmhair.

Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an t-siostam a th' ann feuch rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful a dhìon bho mhaoimtean-slèibhe.

Bha an rathad dùinte a-rithist fad còrr is seachdain san Dàmhair às dèidh sreath de mhaoimtean-slèibhe.

Thàinig 300 tunna de spruilleach sìos air an rathad is cuid dheth cuideachd a' ruighinn seann rathad an airm fon rathad mhòr, a' fàgail gun robh grunn làithean mus robh e comasach fiù 's an t-slighe èiginn a chur gu feum.

Coinnichidh Buidheann-Ghnìomha an A83 ann an Inbhir Aora Diardaoin is Rùnaire na Còmhdail is a' Bhun-Structair, Mìchael MacMhathain, os cionn na coinneimh.

Dìon

Tha Mgr MacMhathain ag ràdh gu bheil e mothachail air cho cudromach 's a tha an A83 dhan sgìre, is gu bheil an Riaghaltas air £69.8m a chosg air an rathad bho 2007.

Dh'innis e gun deach £11m dheth sin a chosg air dòighean gus an rathad a dhìon bho mhaoimtean-slèibhe, agus air leasachaidhean air seann rathad an airm.

Tha an siostam dìon stèidhichte air sreath de dh'fheansaichean os cionn an A83 a tha ag amas air stad a chur air sprùilleach mus ruig e an rathad.

Nì Còmhdhail Alba a-nise ath-sgrùdadh air an t-siostam sin.

Thuirt Mgr MacMhathain gum bithear a' coimhead ri mar a ghabhas a neartachadh, le dùil ri aithisg bho Chòmhdhail Alba ann an 2019.

Dh'innis e cuideachd gu bheilear ag obair còmhla ri Coimisean na Coilltearachd gus craobhan a chur às ùr air cliathaich na beinne ann an oidhirp an cunnart bho mhaoimtean-slèibhe a lùghdachadh.

Call

Thuirt e cuideachd gum faigh Earra-Ghàidheal is Bòd prìomhachas san dàrna Ath-Sgrùdadh air Pròiseictean Còmhdhail Ro-Innleachdail.

Tha mì-thoileachas mòr air a bhith ann an Earra-Ghàidheal mu shuidheachadh an A83.

Tha gnìomhachasan timcheall air Loch Fìn ag ràdh gu bheil dùnadh an rathaid a' dèanamh call mòr orra.

Tha iad am measg na tha ag ràdh gu bheil an t-àm ann fuasgladh maireannach fhaighinn dhan t-suidheachadh a th' ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile