Fhalbh 's tarraing

Uisge-beatha Image copyright PA

Chaidh a' chiad taigh-staile gluasadach riamh a chruthachadh le gnìomhachas Albannach.

Tha dùil gum faodadh an goireas ùr seo cùisean atharrachadh air feadh an t-Saoghail a thaobh a bhith a' tarraing spioraid.

Bheir e cothrom do chompanaidhean spiorad a tharraing ge b' i càite a bheil iad.

Chan eil feum ach air àite far am faighear uisge agus dealan.

Bidh an comas aca an uairsin air mu 400,000 liotair de dheoch làidir a chruthachadh gach bliadhna.

3D

Chaidh an t-aonad a dhealbhachadh le bathar-bog 3D, agus tha teicneòlas na lùib a tha an urrainn na pròiseasan uile a tha an lùib obair-silidh - bleith, masgadh, grùdadh agus spiorad a tharruing - a dhèanamh.

Tha Forsyths, an gnìomhachas a th' air a bhith an sàs anns an taigh-staile, air teomachd agus teicneòlas ùr a tha mar as trice air a chleachdadh ann an roinn na h-ola, a chleachdadh anns an aonad.

Thathas ag ràdh gum faodadh an goireas ùr seo saoghal an deoch làidir atharrachadh gu tur.

Thèid a-niste a chur a-null gu Iapan, far a bheil an t-iarrtas airson uisge-bheatha a' sìor fhàs.