Dragh air ceannardan iasgaich mu dhreach-aonta Bhrexit

Published

Tha ceannardan iasgaich ag ràdh gu bheil iad draghail mu na bhios an dreach-aonta air a bhith a' fàgail an EU a' ciallachadh don ghnìomhachas.

Tha an t-aonta, a chaidh fhoillseachadh oidhche Chiadain, anns a bheil 585 duilleagan, ag ràdh gun tèid aonta ùr a ruighinn a thaobh cothrom air còirichean iasgaich agus cuideaman ceadaichte, mar phàirt de phacaid eaconomaich nas fharsainne.

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell - a th' air sgrìobhadh roimhe chun a' Phrìomhaire a' sireadh ghealltanasan a thaobh an iasgaich - air taic a thoirt don aonta, ag ràdh gur e deagh dhèal a th' ann do dh'iasgairean.

"Tha mise sàsaichte gu bheil an t-aonta a tha ri fhaighinn an-dràsta a' coinneachadh nan iarrtasan againne a thaobh a bhith a' fàgail Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich," thuirt e.

Stàit Neo-eisimeileach Chladaich

"'S e gnothach bunaideach a tha seo do Thòraidhean Albannach.

"Tha sinn ag iarraidh a bhith buileach cinnteach gum fàg sinn Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich anns an Dùbhlachd 2020. Gu bheil sinn a' dol nar stàit neo-eisimeilich chladaich."

Ach tha Caidreachas Iasgairean na h-Alba ag ràdh nach bu chòir cead deimhinnte a thoirt do shoithichean às an EU a bhith ag iasgach ann an uisgeachan Bhreatainn, mar phrìs airson aonta malairt fhàbharaich.

"Bidh sinne ag iasgach ann an uisgeachan Nirribheach, agus bidh bàtaichean Nirribheach ag iasgach ann an uisgeachan Bhreatainn," thuirt àrd-stiùiriche na buidhne, Bertie Armstrong.

"'S e an soillearachadh a th' ann, an ìre de chothrom a gheibhear.

"Aon uair 's gun tèid sinn nar stàit neo-eisimeilich chladaich, faodaidh sinn sgur a thoirt air falbh 60% den iasg 's den mhaorach a thig a-mach às na h-uisgeachan againn - agus tòiseachadh sin a chleachdadh a chum maith na dùthcha.

Thuirt àrd-bharganaiche an EU airson Bhrexit, Michel Barnier, oidhche Chiadain: "Tha e riatanach airson aonadh cuspainn a bhios a' gabhail a-steach an iasgaich, gun tèid aonta a ruighinn eadar an EU agus an RA a thaobh cothrom aig uisgeachan agus iasgach."