Cuirear 201 craobh mar chuimhneachan air an Iolaire
- Published
Thèid 201 craobh a chur mar "chuimhneachan beò" air an fheadhainn a bhàsaich nuair a chaidh an Iolaire air na creagan faisg air cala Steòrnabhaigh aig toiseach 1919.
Bidh tè ann airson gach seòladair a bha air a shlighe dhachaigh as dèidh a' Chogaidh Mhòir ach a chailleadh dìreach beagan shlatan bho chladach Leòdhais.
Theid an cur air an starran a tha a' dol suas dhan Charagh-chuimhne Cogaidh ann an Steòrnabhagh.
Thathar a' sireadh dhaoine a bheir cuideachadh gu saor-thoileach leis an obair Diciadain 21mh an t-Samhain.
Urras nan Coilltean
'S e an tachartas mu dheireadh a bhios aig Urras nan Coilltean a' comharrachadh call a' Chogaidh Mhòir.
Tha an t-urras air mu 150 coille a chur sna 4 bliadhna a chaidh seachad.
Tha dà bhuidheann ionadail, Urras Steòrnabhaigh agus Urras an Rubha agus Shanndabhaig, ag obair an co-bonn leis an urras airson urram a thoirt do dh' fhir an Iolaire.
An measg nan craobh a thèid a chur bidh beith, caorann agus calltainn.