Casaidean de chliathradh chreachan mì-laghail

Published
image copyrightReuters

Dhearbh Buidheann Mara na h-Alba gu bheil iad a' rannsachadh aithrisean gu bheileas ri cliathradh chreachan mì-laghail faisg air a' Chost an Iar.

Thathar a' tuigsinn gun do thachair seo dà thuras air a' mhìos sa chaidh faisg air beul a' Geàrr Loch air Taobh Siar Rois.

Tha iasgach mar seo toirmisgte an sin leis gur e sgìre ghlèidhte a th' ann.

Tha iasgairean am measg na tha ag iarraidh atharrachaidh san dòigh sa bheilear a' sgrùdadh obair bhàtaichean iasgaich.

Sgadan

Chan eil ach glè bheag de dh'àiteachan an Alba far a bheil casg air cuid de dhòighean iasgaich agus tha an Geàrr Loch air fear dhiubh sin.

A rèir luchd-fianais, chunnaic iad bàtaichean a tha a' cleachdadh uidheamachd cliathraidh ag obair tron an là agus air an oidhche faisg air beul an locha.

Tha dàibhearan cuideachd ag aithris gun do mhilleadh grunnd na mara, àite far am bi an sgadan ag àlachadh.

Tha Comann Èisg Ghil na h-Alba ag iarraidh gun tèid uidheamachd eileactronaigeach a chur air bàtaichean cliathradh-chreachan airson smachd a chumail air an obair aca.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil na h-aithrisean nan adhbhar dragh dhaibh, agus nach fhulaing iad cliathradh mì-laghail.