Leasachadh an A82 riatanach

An A82 Image copyright Google
Image caption An A82 air iomall a' Ghearasdain

Tha am Ball-pàrlamaid Albannach airson Taobh Siar na Gàidhealtachd, Ceit Fhoirbeis, ag ràdh gur e an A82 a thoirt gu ìre tron Ghearasdan an t-amas as cudromaiche dhi.

Nochd i a beachd agus draghan a' sìor fhàs mu na tha de thrafaig sa bhaile tro sheasan na turasachd.

Dh'fheuch a' bhuidheann riaghaltais, Còmhdhail Alba, cùisean a leasachadh cleas a bhith ag atharrachadh chearcallan-rathaid.

Tha luchd-iomairt ag ràdh ge-tà gur e fuasgladh nas radagaiche a tha a dhìth.

Rathad ùr

Am beachd Ceit Fhoirbeis feumaidh rathad ùr a chur tron bhaile.

"Bha cothrom ann rathad ùr a chur ann 30 bliadhna air ais agus bha an t-airgead ann ach cha robh na gnìomhachasan ionadail airson an rathad sin atharrachadh.

"An-dràsta, tha mi a' smaoineachadh gu bheil na gnìomhachasan sin agus na daoine a tha a' fuireach faisg a' cur taic ri rathad ùr.

"Bidh e cosgail ach ma tha gnìomhachas a' dol a dh' fhàs sa Ghearasdan agus ma tha sinn airson barrachd thaighean a thogail ann, feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil rathad ann," thuirt i.

Tha i a' dol a choinneachadh ri Rùnaire na Còmhdhail aig deireadh na mìos far am bruidhinn iad mun cheist seo.

"Tha deasbad air a bhith ann eadar an t-ùghdarras ionadal agus Còmhdail Alba mu dheidhinn cò air a bheil an dleasdanas airson an rathaid ùir.

"Tha mise a' dol a bhith a' faighneachd do Riaghaltas na h-Alba am b' urrainn dhaibh-san airgead a chur ann airson rathaid ùir," thuirt i.