Leabhar Littlejohn eile

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Album Littlejohn. Taing do dh'Ùisdean MacIllinnein agus Oilthigh Obar Dheathain airson an deilbh seo.

'S e Cupa Littlejohn duais 's dòcha cho eireachdail is cho luachmhor 's a th' ann an saoghal na camanachd.

'S e fear Alexander Littlejohn a chuir an cupa air adhart 1905 'son a chluich eadar na seann oilthighean, is leabhar - a cheart cho eireachdail - na chois.

Tha fiosrachadh air eachdraidh na camanachd am measg eile san leabhar leathair.

Tha an cupa agus an leabhar a-nis fo chùram agus fo ghlais aig Oilthigh Obair Dheathain.

Bha dùil nach robh ann ach an leabhar a chaidh a chur air adhart bho thùs - aig Oilthigh Obar Dheathain - agus aon lethbhreac eile - le Comann Gàidhlig Inbhir Nis.

Ach a-nis, tha lethbhreac eile air tighinn am bàrr.

Is nochd am fear seo air cùl preasa san Eilean Dubh.

Fo-thiotal an deilbh,
Cupa Littlejohn. Taing do dh'Ùisdean MacIllinnein agus Oilthigh Obar Dheathain airson an deilbh seo.

"Bha boireannach san Eilean Dubh a' sgioblachadh an taighe, stuth a bh' aig an duine nach maireann aice", dh'innis eòlaiche na camanachd, an Dr Ùisdean MacIllinnein.

"Thàinig i seachad air an leabhar mhòr a bha seo air cùl preasa.

"Dh'fhaighnich i do nàbaidh dè bu chòir dèanamh leis is thuirt am boireannach sin rithe, faighneachd do dh'Ùisdean MacIllinnein, bidh fios aigesan", thuirt e.

Is às dèidh dhaibh lorg fhaighinn air Ùisdean tron eadar-lìon, bha.

Mar a thachair, 's e gun robh Ùisdean dìreach gus òraid a thoirt seachad aig Comann Rìoghail Ceilteach Dhùn Èideann mu Alexander Littlejohn a bu choireach a gun d' fhuair iad lorg air cho sgiobalta.

Thug am boireannach an leabhar dha, is thèid a-nise a chur fo chùram am measg stuthan a' Chomainn Rìoghail Cheiltich ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.