Molaidhean airson trèanadh dàibhidh sa Ghearasdan

Published
image copyrightThe Underwater Centre

Nochd molaidhean airson campus ùr a stèidheachadh sa Ghearasdan airson deuchainnean agus trèanadh a dhèanamh do luchd-obrach ghnìomhachas na h-ola 's a' ghas.

Tha seo às dèidh do dh'ionad dàibhidh a' Ghearasdain a dhol ann an rianachd air a' mhìos sa chaidh, le call 50 cosnadh.

Tha a-niste maoin agus uidheamachd an ionaid gan cur air a' mhargaidh leis an luchd-rianachd.

Thathas a' tuigsinn gu bheil ùidh mhòr am measg chompanaidhean san roinn phrìobhaidich.

Ann an oidhirp togail air cliù an ionaid airson trèanadh fon uisge do luchd-obrach na h-ola 's a' ghas, tha HIE air "concept gnìomhachais" a chruthachadh, le taic bho Riaghaltas na h-Alba, am measg bhuidhnean eile, agus buidhnean a tha an sàs sa ghnìomhachas.

'S e an t-amas taic a thoirt do thagraiche shoirbheachail ann a bhith a' stèidheachadh gnothachais a tha maireannach gu coimearsalta, a' toirt sheirbheisean do ghnìomhachas na h-ola 's a' ghas, do chumhachd ath-nuadhachail aig muir, tuathanachas-èisg, dìon agus cùmhnantaichean eile a tha ag obair fon mhuir.

Tha dùil gun tig fàs air an roinn ghnìomhachais seo, bho luach £20bn an-uiridh, gu mu £100bn ro 2035.

'S ann aig Breatann a tha mu 40% den mhargaidh eadar-nàiseanta airson leithid de dh'obair - earrann a bha luach £8bn ann an 2017.

Tha Loch Linne gu math freagarrach airson na h-obrach, seach gu bheil e na loch mara, le tar-shruthan meadhanach làidir - ga fhàgail coltach ri cùisean mu chlàran-ola is eile anns a' Chuan a Tuath, ach ann an àrainneachd gu math nas sàbhailte.

Tha dùil gum fàg sin gum bi an Gearasdan nas co-fharpaisich mar làraich airson trèanaidh den t-seòrsa sin, seach làraichean eile.