Cobhair air soitheach far Àird nam Murchan

Published
image copyrightPA

B' fheudar do bhàta-teasairginn Thobar Mhoire cobhair a dhèanamh air criutha soithich a bha a' giùlain èisg bheò oidhche Mhàirt, an dèidh do dh'einnsean an t-soithich sin fàiligeadh.

Fhuair am Migdale, le ceathrar de chriutha air bòrd, ann an duilgheadas mu Rubha Àird nam Murchan.

Leig an sgiobair acair aig ceann a' Chaoil Mhuilich 's iad a' feitheamh air cobhair.

Chaidh an soitheach a shlaodadh gu Malaig le soitheach eile tràth madainn Diciadain.

'S e seo an dàrna turas am-bliadhna a b' fheudar cobhair a dhèanamh air a' Mhigdale, a tha leis a' chompanaidh Migdale Transport Eta 's a tha clàraichte an Inbhir Nis.

Sa Ghearran b' fheudar do bhàta-teasairginn cobhair a dhèanamh oirre an iar air Sealtainn ri linn duilgheadasan einnsinn.

Bha i a' falbh leis an stuth fad còig mìle an ear-thuath de dh'Eilean Foula.