Inbhe UNESCO don Flow Country?

Published
image copyrightLorne Gill/SNH

Chaidh iomairt ùr a thòiseachadh airson inbhe UNESCO a bhuileachadh air an sgìre de mhòintich is de bhoglach ann an Cataibh is Gallaibh ris an canar am Flow Country.

Chaidh buidheann-obrach a chur air dòigh airson taic fhaighinn bho Riaghaltas Bhreatainn airson na h-iomairt.

'S e am boglach as motha th' ann san Roinn Eòrpa, le 494,210 acair ann - a dhà uimhir cho mòr 's a tha Arcaibh.

Thèid co-chomhairle phoblach a thòiseachadh tràth sa bhliadhna ùir.

Chaidh beachdan iarraidh air coimhearsanchdan a tha a' fuireach timcheall air an sgìre.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud math a tha seo, agus gu dearbha tha mi a' cur taic ri leithid de dh'iomairt an seo," thuirt fear de chomhairlichean Inbhir Ùige, Rèamonn Bremner.

"Tha am boglach gu math cudromach dhan sgìre seo, air sgàth 's nach eil boglach mar seo idir ann an àite sam bith eile air feadh na dùthcha.

"Mar a tha fhios againn tha e 10,000 bliadhna de dh'aois, agus tha sin glè chudromach dhan eachdraidh againn anns an sgìre.

"'S e am boglach seo am fear as motha san Roinn Eòrpa, nas motha na na boglaichean eile ann an Alba mar na boglaichean ann an Leòdhas, agus cuideachd ann an Rainneach, mar eisimpleir.

"Tha mòran dhaoine ag obair san sgìre, ann an iomadh dòigh, a thaobh a' bhoglaich, agus tha an t-àite seo glè chudromach airson gnìomhachas na turasachd cuideachd.

image copyrightLorne Gill/SNH

"Bidh mòran luchd-turais a' tighinn dhan bhoglach a h-uile bliadhna.

"Tha an stèisean rèile ann am Forsan Àrd gu math trang, gu h-àraid tron t-Samhradh leis an luchd-turais a tha a' tighinn dhan bhoglach airson iomadh rud a dhèanamh.

"A' coimhead air na h-eòin, a' faicinn fiadh-bheatha, a' coimhead air na seallaidhean, agus a' dèanamh sgrùdaidh ghlèidhteachais den sgìre.

"'S e ionad luchd-tadhail a th' anns an stèisean rèile an sin, agus tha an t-ionad sin gu math inntinneach, làn fiosrachaidh turasachd, dealbhan, agus rudan a bhios daoine ag iarraidh fhaicinn agus a dhèanamh nuair a bhios iad san sgìre sin.

"An rud a tha fhios againn, 's e gur e rud math a th' ann a bhith a' faicinn Làrach Dualchais na Cruinne anns an sgìre seo, agus tha mi a' creidsinn gum bi mòran dhaoine a' cur fàilte air an naidheachd a tha seo," thuirt e.