HIAL v Croitearan

Published
image copyrightStephen Branley/Geograph

Dh'iarr HIAL, a' chompanaidh phoblach a tha a' ruith phort-adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean, air Cùirt an Fhearainn dearbhadh nach eil còirichean croitearachd a' buntainn ri còrr air 200 hectare de thalamh timcheall air Port-Adhair Steòrnabhaigh.

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil HIAL airson an talamh a thoirt do luchd-leasachaidh a tha airson 90 taigh a thogail.

Tha croitearan Mhealaboist is Bhràigh na h-Aoidhe ge-tà, a' cur an aghaidh seo 's iad ag ràdh ged a gabh an MoD an talamh airson aerodrome aig àm an Dàrna Cogaidh, nach deach an talamh a-riamh a thoirt a-mach à croitearachd.

Tha HIAL a' cumail a-mach gur e reachdas èiginneach cogaidh a chleachd an MoD airson an talamh ionaltraidh fhaighinn airson an aerodrome a leudachadh.

Tha iad ag ràdh gun do ghabh na croitearan ri seo, agus gun d' fhuair iad lùghdachadh ann am màl mar dhìoladh airson na talmhainn a chaill iad.

Litir

Tha iad ag ràdh gun do chuir an t-aonta seo às do chòirichean croitearachd, 's iad a-nise airson an talamh a reic ri companaidh togail.

Ma tha, mar a tha croitearan Mhealaboist agus Bhràigh na h-Aoidhe ag ràdh, an talamh fhathast fo reachdas na croitearachd ge-tà, feumaidh a thoirt a-mach à croitearachd mus gabh sin dèanamh, agus tha sin a' feumachdainn riaghladh bho Chùirt an Fhearainn.

Tha na croitearan ag ràdh gu bheil litir aca bho Rùnaire na Stàite a' dearbhadh sin.

Tha iad ag ràdh cuideachd gur ann le aonta prìobhaideach eadar an MoD agus Urras Steòrnabhaigh a fhuair an MoD an talamh, agus nach b' e reachdas èiginneach cogaidh a chaidh a chur an gnìomh.

Tha iad a' cumail a-mach gu bheil an talamh fhathast ga chleachdadh airson ionaltraidh, gus gum bu chòir do Chùirt an Fhearainn an tagradh aig HIAL a dhiùltadh, 's dearbhadh gu bheil còirichean croitearachd fhathast a' buntainn don talamh.

Thèid Cùirt an Fhearainn gu Steòrnabhagh air an 6mh 's an 7mh là den Dùbhlachd airson beachdachadh air a' chùis.