Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

13 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha ministear Oifis a' Chaibineit, Dàibhidh Lidington, air a ràdh gu bheil e dòchasach gun tig aonta Bhrexit thairis air an dà là a th' air thoiseach. Tha an caibineat air a bhith a' coinneachadh madainn an-diugh. Tha àrd mhinistearan air innse dhan BhBC gu bheil oifigich ag obair cruaidh airson aonta fhaighinn. Thuirt Mgr Lidington gu bheil aonta deireannach air fàire ged nach eil càil deimhinnte. Cumaidh riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba còmhraidhean a bharrachd air Brexit feasgar a-nochd.

Daoine gun obair

Tha an àireamh dhaoine a tha as aonais obair ann an Alba air tuiteam ach tha an àireamh air a dhol suas air feadh na Rìoghachd Aonaichte air fad. Tha na h-àireamhan as ùire airson na mìosan eadar an Iuchair agus an t-Sultain a' sealltainn gun robh 103,000 duine aig nach robh dreuchd an seo ann an Alba. Aig an aon àm, thàinig àrdachadh 3% anns an tuarasdal a th' aig luchd obrach na Rìoghachd Aonaichte air fad anns a' chumantas - sin an t-àrdachadh as luaithe ann an cha mhòr deich bliadhna.

Neo-dhearbhte

Tha tè a chaidh èigneachadh agus a bhuannaich cùis shìobhalta an aghaidh an fhir a thug ionnsaigh oirre a' cur iomairt air dòigh an-diugh ann an co-bhonn ri buidhnean bhoireannach ann an Alba ann an oidhirp cuidhteas fhaighinn de bhreithneachadh neo-dhearbhte san lagh. Tha am boireannach, Miss M, a' bhuidheann Rape Crisis agus feadhainn eile ag ràdh gu bheil am breithneachadh toinnte agus gum bu chòir cur às dheth uile gu lèir. Tha grunn eòlaichean lagh, ge-tà, nach eil ag aontachadh ris a' bheachd sin.

Ionnsaigh air Gaza

Tha Israel air grunn ionnsaighean adhair a thoirt air raon Ghaza às dèidh mar a loisg reubaltaich Phalestinianach cha mhòr 400 rocaid a cheann a deas Israel. Thuirt ministreachd na slàinte ann an Gaza gun deach còignear Phalestinianach a mharbhadh. Chaidh aona chorp a lorg ann an Israel.

Bàs an Inbhir Theòrsa

Tha rannsachadh a' leantainn mu bhàs neach, aois 44, na dhachaigh ann an Inbhir Theòrsa aig an deireadh-sheachdain. Thuirt poilis gun robh an sgrùdadh aca a' leantainn feuch dè dìreach a thug bàs dhan duine na dhachaigh air Rathad Ormlie. Chaidh aithisg a chur gu Neach Casaid a' Chrùin.

Iarrtas poilis

Tha poilis air iarrtas à ùr a dhèanamh airson fiosrachadh mu bhoireannach à Pàislig, a chunnacas mu dheireadh bho chionn bliadhna. Bha Patricia Henry, aois 46, air gluasad a dh' Inbhir Gharbhainn goirid mus deach a faicinn mu dheireadh. Thuirt an nighean aice, a tha 18, nach robh i airson Nollaig eile a chur seachad as aonais a màthar. Tha na poilis ag ràdh nach b' urrainn dhaibh a bhith cinnteach nach do dh' èirich càil dhith.