Ainm ùr do Mharine Harvest
- Air fhoillseachadh

O seo a-mach bidh a' chompanaidh mhòr bhradan à Nirribhidh aithnichte mar Mowi (FUAIM: Mù-bhèigh).
Tha a' chompanaidh ag ràdh nach eil an t-ainm ùr a' ciallachadh gum bi iad a' tarraing air ais air an obair aca ann an Alba far a bheil 1,250 a' faighinn cosnaidh air a' chosta an iar.
Ghabh an t-àrd-oifigear aca, Alf Helger Ask-og, ris gun robh dùbhlain agus mì-chinnt an cois Bhrexit, ach thuirt e nach biodh buaidh aig sin air na tha iad a' dèanamh an Alba.
"Cha chreid mi nach bi fhathast càirdeas math againn a thaobh malairt leis an Rìoghachd Aonaichte, agus tha mi cuideachd den bheachd gum faighear air an aimhreit a thaobh malairt a rèiteach," thuirt e.
Caol Acainn
"Tha sinn a' togail ann an Caol Acainn factaraidh mhòir, agus tha ionad giollachd ùr againn ann an Ros Saoithe," thuirt e.
Thuirt e gun toireadh an t-ainm ùr air ais iad gu freumhaichean na companaidh.
Chaidh a stèidheachadh an Nirribhidh bho chionn còrr air 50 bliadhna.
An-diugh 's i a' chompanaidh as motha san t-saoghal a tha ag àrach bhradan agus iad ag obair ann an 24 dùthchannan agus a' cumail cosnaidh ri 13,650 duine.