Cumhachd an dealain air ais

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, SSEN

Chaidh an dealan a chur air ais gu còrr is 20,000 dachaigh san Eilean Sgitheanach agus sna h-Eileanan Siar, a chaill e an dèidh maoime-slèibhe faisg air Ceann Loch Shùirn Diluain.

Tha sgioba de luchd-einnsinnìridh agus creag-eòlaichean air a bhith a' rannsachadh maoime-slèibhe a thug mu 9,000 tunna de thalamh agus chreagan a-nuas far bruaich os cionn Loch Cuaich, a tha na phàirt de sgeama haidro Ghlinne Gharadh.

A thuilleadh air crainn-dealain a mhilleadh, ghearr e cuideachd an rathad a-steach gu Ceann Loch Shùirn.

Dh'fhàg an call dealain gun robh grunn sgoiltean san Eilean Sgitheanach dùinte Diluain.

Thuirt SSE gun deach cumhachd an dealain a-niste a thilleadh dha na dachannan a chaill e.

Tha an rathad fhathast dùinte, ach thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iadsan a-niste air plana a chur an gnìomh a thaobh sin.

Dh'ainmich iad cùmhnantaiche airson an rathad fhosgladh a-rithist.

Tòisichidh sin aon uair 's gu bheil làn-mheasadh slàinte is sàbhailteachd air a dhèanamh, feuch dè cho seasmhach 's a tha a' bhruaich os cionn an rathaid.

Tuilleadh air an sgeulachd seo