Ailean Dòmhnallach os cionn MG ALBA
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Ofcom gur e Ailean Dòmhnallach an Cathraiche ùr air MG ALBA.
Tòisichidh Mgr Dòmhnallach san dreuchd Là na Bliadhna Ùire.
Tha Mgr Dòmhnallach air a bhith na Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig, ach tha an cùmhnant aige aig a' Bhòrd a' tighinn gu ceann.
Buinidh e do dh'Èirisgeigh, agus tha e air a bhith ag obair fad iomadh bliadhna ann an saoghal nam meadhanan, a' gabhail a-steach 12 bliadhna aig a' BhBC.
Bha e cuideachd na Àrd-Stiùiriche air mneTV, agus na stiùiriche air purpleTV a bha a' dèanamh spòrs do BhBC ALBA.
Tha e cuideachd air a bhith na bhall de bhòrd Cholaiste a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh, agus bòrd Skillset Scotland.