Cinn-bhliadhna Ghàidhealach am Muile

Còisir

Tha muinntir Mhuile a' comharrachadh 80 bliadhna den Mhòd Ionadail san eilean, agus 40 bliadhna de Chòisir Ghàidhlig an Eilein Mhuilich.

Thàinig seinneadearan còmhla bho chòisirean air feadh na dùthcha airson cèilidh ann an Creag an Iubhar air an deireadh-sheachdain gus na cinn-bhliadhna a chomharrachadh.

"Anns na seann làithean bha còisir anns a h-uile baile cha mhòr," thuirt Seònaid NicDhòmhnail bhon chòisir.

"Bha còisir an t-Sàilein ann, bha Còisir Thobar Mhoire ann, bha Còisir Bhun Easain, Còisir Phèighinn a' Ghàidheil - chì thu sin anns na seann phrògraman.

"Ach nuair a thòisich Còisir Mhuile, 's ann ann an 1978 nuair a bha am Mòd a' dol à bhith san Òban - agus cha robh còisir idir againn aig an àm sin.

Image copyright Còisir Ghàidhlig Mhuile

"Dh'aontaich mi fhìn agus Donnchadh MacGilp còisir a thòiseachadh.

"Dh'iarr mise airsan a bhith na stiùiriche, agus thuirt esan gun dèanadh e sin nan dèanainn-sa a' Ghàidhlig dhaibh - agus tha mi fhathast ann!

"Thòisich sinn, agus fhuair sinn, uill, bha còrr is 20 againn co-dhiù, a' dol don Mhòd anns an Òban.

"Rinn sinn glè mhath. Fhuair sinn na comharran as àirde ann an Gàidhlig airson na bliadhna sin.

Image copyright Còisir Ghàidhlig Mhuile

"Fhuair sinn an Selma Shield airson a' chiad uair.

"Tha sinn air a bhith gu math soirbheachail. Fhuair sinn na geallan-dùbhlain iomadh uair. Chan eil cuimhne agam dìreach co mheud, ach tha sinn soirbheachail - agus cuideachd tha e a' còrdadh rinn," thuirt i.

Cha b' ann mar phàirt den chòisir a-mhàin a tha na seinneadairean air a bhith soirbheachail ge-tà.

Bhuannaich Seònaid fhèin am Bonn Òir ann an 1984.

"Bhuannaich Donnchadh fhèin am Bonn anns an Eilean Sgitheanach ann an '82.

"'S mise ann an '84.

"'S an uair sin - chan eil cuimhne a'am a bheil mi san òrdugh cheart! Ach bhuannaich Rhiona Whyte ann an Steòrnabhagh ann an 2001.

"Iain Mac'illEathain, fhuair esan am Bonn Airgid anns na '90an uaireigin - '94 tha mi a' smaoineachadh.

"Nas fhaide air aghaidh, fhuair Donna Dugdale am Bonn Airgid ann an Inbhir Nis ann an 2014.

"So aidh, tha sinn air a bhith a' dèanamh glè mhath," thuirt i.

Ged a shoirbhich leotha gu mòr, coltach ris a' h-uile còisir, tha cuid de rudan a tha nas doirbhe na rudan eile.

"Chan eil e furasta - gu sònraichte chan eil e furasta balaich fhaotainn a' tighinn a-steach do chòisir sam bith," thuirt Seònaid.

"Ged a bhios iad glè mhath nuair a tha iad nan cloinn òig, ach chan eil e cho furasta cumail a' dol le sin, gu sònraichte airson balaich.

"Ach chùm Alasdair a' dol mar a tha fhios agad, agus bhuannaich esan am Bonn Òir ann an Dùn Omhain ann an 2006.

"Bha e anns a' chòisir againn airson bliadhna no dhà mun deach e don oilthigh.

"Cha bhi mise ann, ach tha mi glè chinnteach gun cùm e a' dol airson 40 bliadhna eile," thuirt i.