Achd Àrainneachd ga iarraidh
- Air fhoillseachadh

Tha na deichean bhuidhnean carthannais air tighinn còmhla 's iad ag iarraidh Achd Àrainneachd do dh'Alba airson dèiligeadh ris na h-atharrachaidhean a thig às dèidh Bhrexit.
Tha a' cho-bhanntachd, air a bheil Ceangal Àrainneachd na h-Alba, ag ràdh gum feumar gluasad san aithghearrachd, agus dragh orra gum fulaing an àrainneachd nuair a sguireas taic agus maoineachadh Eòrpach.
Tha na buidhnean a tha an sàs anns an iomairt seo ag ràdh gun d' fhuair Alba buannachd bho laghan làidir Eòrpach airson an àrainneachd a dhìon.
Ach tha dragh orra nuair a dh'fhàgas Breatann an t-Aonadh Eòrpach 's a thig taic-airgid Eòrpach gu ceann gum bi buaidh aig sin air fiadh-bheatha agus cruth-tìre na dùthcha.
Aig a' cheart àm tha iad ag ràdh gu bheil Blàthachadh na Cruinne cuideachd a' cur ris an trioblaid.
Tha a' bhuidheann air a bheil "Fight for Scotland's Nature" ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba Achd Àrainneachd a ghealltainn airson an àrainneachd a dhìon.
Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gum bi dìon na h-àrainneachd aig an aon ìre, no nas fheàrr, ann an Alba às dèidh do Bhreatann an EU fhàgail.