"Sgitheanach" le comhairle do luchd-turais
- Published
Tha fear san Eilean Sgitheanach air tighinn an àrd le dòigh annasach airson innse do luchd-turais gu bheil an t-eilean "fosgailte" dhaibh.
Chruthaich Calum Dòmhnallach caractar cartùn air a bheil "Dòmhnall às an Eilean Sgitheanach", le falt agus feusag ruadh.
Rinn e seo agus e seachd searbh sgìth den droch shanasachd a bha a' dol mu thurasachd san eilean as t-samhradh 2017.
Bha aithrisean ann gu robh an t-àite "làn", is nach robh rùm air fhàgail do luchd-tadhail agus gun robh goireasan an leithid thaighean beagan agus raointean paircidh truagh.
Fergie
'S e "aghaidh chàirdeil" airson an eilein a th' ann an Dòmhnall a rèir Mhgr Dhòmhnallaich agus bidh e comasach do dhaoine ceistean fhaighneachd dha air an làraich-lin aige.
Tha e ri fhaicinn ann am film goirid air loidhne a' siubhail air feadh an àite leis a' chompanach aige, Fergie an Tractar.
Cho math ri seallaidhean an àite a shealltainn bidh iad a' sgaoileadh fiosrachaidh mu dè tha ri dhèanamh air an eilean, àiteachan-fuirich, mar a bu chòir a bhith a' dràibheadh agus far am faighear air pairceadh.
"Tha min dòchas gum bi Dòmhnall fiosrach agus spòrsail dhan dà chuid luchd-turais agus muinntir an eilein," thuirt Mgr Dòmhnallach.