Dùbhlan aig CAB Inbhir Nis dèiligeadh ri cùisean

Published
image copyrightGetty Images

Bidh Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill (CAB) ann an Inbhir Nis a' dèiligeadh ri iarrtasan dhaoine bhon bhaile fhèin cho math ri Bàideanach agus Srath Spè.

'S e an t-ionad as trainge air a' Ghàidhealtachd ach tha cruaidh-fheum aca air barrachd luchd-obrach saor-thoileach.

Tha iad ag ràdh gu bheil e a' sìor fhàs doirbh dhaibh dèiligeadh ri cùisean agus an àireamh dhaoine a tha a' tighinn thuca airson cuideachaidh a' dol am meud gu mòr.

'S e a' mhì-chinnt mu Bhrexit agus an Creideas Coitcheann as coireach ris an àrdachadh a rèir a' ChAB.

An Creideas Coitcheann

Tha an luchd-obrach agus an luchd-comhairleachaidh a tha ag obair dhaibh gu saor-thoileach a' strì ri cùisean a làimhseachadh.

'S e draghan mun Chreideas Choitcheann a th' aig mòran, sochair sòisealta a chuireadh an gnìomh ann an 2013, 's a ghabh àite sia sochairean.

Bha Inbhir Nis am measg nan àiteachan far an deach an siostam ùr fheuchainn an toiseach.

Tha manaidsear biùro Inbhir Nis, Alasdair Christie, ag ràdh gu bheil a' mhì-chinnt a thaobh Bhrexit na adhbhar iomagainn do gu leòr cuideachd.