Ùidh ann an tachartasan an Iolaire a' fàs

Published
image copyrightColin Smith/Geograph
image captionCàrn-cuimhne Tubaist an Iolaire.

Tha e coltach gu bheil an àireamh dhaoine a tha a' nochdadh ùidh sna tachartasan a bhios ann airson tubaist an Iolaire bho chionn 100 bliadhna a chomharrachadh a' dol am meud.

Chaillear 201 seòlaidear nuair a chaidh an soitheach air na creagan faisg air Steòrnabhagh Là na Bliadhn' Ùire 1919.

Bha na h-eileanaich a' tighinn dhachaigh às dèidh a bhith sa Chogadh Mhòr.

Tha buidheann-obrach a' deasachadh sreath thachartasan a' cuimhneachadh orrasan, an fheadhainn a thàinig beò aiste agus mar a thug an tubaist buaidh air a' choimhearsnachd.

Slàinte a' phobaill

Tha iad a' toirt rabhadh, ge-tà, gum bi aca ri na h-àireamhan dhaoine aig cuid de na cuirmean agus seirbheisean a chuingealachadh ri linn riaghailtean slàinte agus sàbhailteachd.

Bidh suas ri 600 duine san Ionad Spòrs ann an Steòrnabhagh aig a' chuirm-chuimhneachaidh oidhche Challainn agus bidh cothrom aig na ceudan eile a h-uile càil fhaicinn tro bhideò beò ann an Sgoil 'icNeacail an ath-dhoras.

"'S e fìrinn na cùis gum faodadh sinn a bhith air togalach eile a chur ris an sin leis an iarrtas a bh' ann ach bha e do-dhèanta dhuinn sin a dhèanamh," thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

Bidh a' chuirm-chuimhneachaidh ga craoladh beò air loidhne agus air BBC Radio nan Gàidheal.

Là na Bliadhn' Ùire

Bidh seirbheis ga cumail ann an Tolm faisg air làrach na tubaiste Là na Bliadhn' Ùire ach tha dragh ann nach bi e furasda do chuid faighinn ann agus gum bi e duilich dhaibh a bhith cho fada a-muigh san fhuachd.

Mar sin, ma tha an t-sìde fàbharach, bidh am bàt'-aiseig, an Loch Seaforth, a' dol a-mach agus bidh seirbheis air bòrd aig an aon àm 's a tha tè air tìr.

"Tha sinn ga dhèanamh comasach do dhaoine nach eil cho siùbhlach air an casan agus nas sine a bhith mar phàirt dheth agus fhaicinn bho thaobh na mara dheth," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Tha a' bhuidheann-obrach ag ràdh gum feum iad a bhith faiceallach mun àireamh 's urrainn a dhol chun na làraich air sgàth agus gu bheil iad airson 's gum bi daoine sàbhailte agus comhfhurtail.