Luchd-iùil itealain deònach a dhol air stailc
- Air fhoillseachadh

Bhòt luchd-iùil nam plèanaichean sa Cheann a Tuath cha mhòr a dh'aona-ghuthach gu bheil iad deiseil a dhol air stailc agus am mì-chòrdadh mu ìrean paighidh a' leantainn.
Dhiùlt buill an aonaidh-chiùird Prospect gabhail ri àrdachadh 2% na bu tràithe am-bliadhna.
Tha iad a' cumail a-mach gum fàgadh sin fhathast beàrn mhòr eadar na tha luchd-obrach Companaidh Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, HIAL, a' cosnadh agus na tha luchd-iùil sa chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte agus air feadh na Roinn Eòrpa a' faighinn.
Bidh còmhraidhean eadar Prospect agus HIAL feuch am faighear fuasgladh an t-seachdain seo fhathast.
Aon ionad
Tha e coltach nach eil gnothach aig co-dhùnadh bhall Prospect ri moladh plèanaichean a stiùireadh bho aon ionad ann an Inbhir Nis.
Chan eil an t-aonadh a' cur taic ris a' phlana ach thuirt am fear-labhairt, Dàibhidh Avery, gu bheil iad fhathast a' bruidhinn ri HIAL agus luchd-poileataigs airson a' chùis a rèiteach.
Thuirt e gur ann mu dheidhinn tuarasdail nam ball aca a bha a' bhòt às ùr.
"Tha cruaidh fheum air luchd-iuìl gu h-eadar-nàiseanta.
"Tha ìrean pàighidh HIAL mòran nas ìsle na companaidhean eile agus tha seo a' toirt buaidh air obair an luchd-iùil.
"Tha buill airson agus gun dèilig HIAL ris a' chuspair mas fhàs cùisean nas miosa buileach," mhìnich e.