Dealan dheth

Maoim-slèbhe aig Ceann Loch Shùirn Image copyright SSEN

Chaidh na mìltean de dhaoine fhàgail as aonais cumhachd anns na h-Eileanan an Iar agus anns an Eilean Sgitheanach Diluain.

Thuirt Scottish and Southern Energy gun robh maoim-slèibhe beagan chun iar air Inbhir Gharadh air cron a dhèanamh air loidhne-dealain.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd feasgar gun tàinig 9000 tunna de pholl agus creig sìos air an rathad phoblach eadar Loch Garadh agus Ceann Loch Shùirn faisg air Cingidh.

Tha an rathad sin dùinte agus tha a'chomhairle a' dèiligeadh ri feumalachdan luchd-còmhnaidh agus aoighean air a bheil seo a' toirt buaidh.

Thug seo buaidh air an Eilean Sgitheanach agus air lìonra nan Eilean Siar cuideachd.

Image copyright SSEN
Image caption Rinn a' mhaoim-slèibhe milleadh air loidhnichean dealain

Sgoiltean

Thuirt SSE gun deach cumhachd a thilleadh tron là gu mu 18,000 dachaidhean.

Tha iad ag obair gus dealan a chur air dòigh às ùr dhan fheadhainn a tha fhathast as aonais cumhachd.

Chaidh grunn sgoiltean a dhùnadh san Eilean Sgitheanach ri linn na thachair.

Bha cuideachd Bun-sgoiltean Bhearnaraigh agus Ùig dùinte ann an Leòdhas.

Tha SSE ag ràdh gu bheil iad an dòchas gum bi cumhachd air a thilleadh dhan a h-uile duine ro shia uairean feasgar.

Thuirt iad gum bu chòir do dhaoine a tha feumach air taic shònraichte fònadh thuca air 105.