Poilis Leòdhais a' comharrachadh call na h-Iolaire

Iolaire stickers Image copyright Police Scotland

Chaidh sanasan a chur air carbadan nam poileas ann an Leòdhas mar chuimneachan air tubaist na h-Iolaire bho chionn 100 bliadhna.

Chaidh an soitheach air na creagan aig Biastan Thuilm gu math faisg air Cala Steòrnabhaigh ann an uairean beaga na maidne air a' chiad là dhen bhliadhna ùir 1919.

Air bòrd bha eileanaich a' tilleadh dachaigh as dèidh a bhith a' sabaid sa Chogadh Mhòr; bhàsaich còrr air dà cheud duine.

Tha oifigearan poilis airson luaidh a dhèanamh orrasan a bhàthadh.

Thuirt an t-Àrd Inspector, Iain Greumach, gur e an tubaist fear dhe na rudan a b'uabhasaiche ann an eachdraidh nan Eilean Siar.

"Tha sinn air leth moiteil gun urrainn dhuinn seo a dhèanamh a' toirt urraim dhan fheadhainn air an tug an tubaist bho chionn 100 bliadhna buaidh", thuirt e.