Tagradh ùr mu chùis Renee NicRath

Renee NicRath agus a mac Anndra
Image caption Tha 42 bliadhna on chaidh an dithis à sealladh.

Tha beachd ann gur e murt a rinneadh air Renee NicRath agus an gille beag aice, Anndra.

Chaidh am faicinn mu dheireadh air iomall Inbhir Nis air 12mh an t-Samhain 1976.

Tha Poileas Alba a' dèanamh tagraidh ùir airson fiosrachaidh mun deidhinn.

Tha iad gu h-àraid airson barrachd ionnsachadh mu litir gun ainm a fhuair iad tràth sna h-ochdadan.

Cuaraidh

Bhathar a' comharrachadh 42 bliadhna Diluain on chaidh Renee NicRath agus a mac, Anndra, nach robh ach 3 bliadhna a dh' aois, à sealladh.

On fhuaireadh an càr san robh an dithis a' siubhal na theine air oir an A9 chan eil e càil nas soilleire dè dh'èirich dhaibh.

Tha piuthar Renee, Mòrag Govans, ag ràdh nach bi là a' dol seachad nach bi a smuaintean orra agus gu bheil e gu h-àraid duilich dhi smaoineachadh air mar a fhuair Anndra bàs aig aois cho òg.

Tha Poileas Alba airson bruidhinn ris an neach a chuir litir gu Feachd Poilis a' Chinn a Tuath ann an 1982 a' toirt iomradh air na bha a' tachairt aig cuaraidh aig an àm a chaidh Renee agus Anndra a dhìth.

Rinn iad rannsachadh ann an iomadach cuaraidh on nuairsin ach cha d' fhuair iad lorg air fianais gu robh Renee agus Anndra riamh ann.