Daoine "fortanach" às dèidh mhaoimean-sneachda

Published
image copyrightSAIS Ceann a Deas a' Mhonaidh Ruaidh

Bha cuid de dhaoine gu math fortanach teicheadh lem beatha às dèidh mhaoimean-sneachda ann an Alba an-uiridh, a rèir aithisg ùir.

Bidh Seirbheis Fiosrachaidh Maoim-Sneachda na h-Alba (SAIS) a' foillseachadh aithisg mun chùis gach bliadhna.

Thuirt iad gun robh 260 maoim-sneachda uile gu lèir ann an Alba ann an seusan 2017/18.

B' e daoine a bu choireach airson 30 dhiubh.

Tubaistean

Thug na maoimean-sneachda seo buaidh air 20 duine.

Chaidh deichnear a sguabadh sìos na slèibhtean leis an t-sneachd, ach cha do chaill duine am beatha.

Thuirt an SAIS gun robh cuid de dhaoine air a bhith "glè fhortanach".

Tòisichidh seusan ùr an SAIS air an 14mh den Dùbhlachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh