Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

12 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dealan

Tha na mìltean as aonais cumhachd anns na h-Eileanan an Iar agus anns an Eilean Sgitheanach. Thuirt Scottish and Southern Energy gu bheil maoim-slèibhe air cron a dhèanamh air loidhne-dealain anns an Eilean Sgitheanach agus gu bheil sin air buaidh a thoirt air lìonra nan eilean cuideachd. Thuirt iad gu robh dùil aca cumhachd a thilleadh chun a h-uile duine ro mheadhan là ge-tà. Chaidh àireamh de sgoiltean a dhùnadh - nam measg Àrd-sgoil Phort Rìgh.

Michelin

Tha buidheann a tha ag amas air factaraidh Mhichelin ann an Dùn Dè a shàbhaladh a' coinneachadh dìreach an-dràsta. Tha iomagain ann gun caillear 845 dreuchd ma dhùineas an fhactaraidh. Tha Rùnaire Eaconamaidh na h-Alba, Derek MacAoidh, a' coimhead air roghainnean eadar-dhealaichte - nam measg, taic-airgid agus ag atharrachadh na thathar a' dèanamh san ionad ann an oidhirp a shàbhaladh. An-dràsta, tha dùil gun dùin an fhactaraidh ann an 2020. Tha luchd-poileataigs, eòlaichean a' ghnìomhachais, manaidsearan Mhichelin agus na h-aonaidhean ciùird uile a' coinneachadh.

An fhibin

Tha Breatannach air bàsachadh an dèidh dhaibh an fhibin neo rabies a ghlacadh agus iad air saor-làithean ann am Morocco. Thuirt Buidheann Slàinte a' Phobaill ann an Sasainn gur ann nuair a bhìd cat an neach a ghlac iad an galair. Tha iad a' toirt rabhadh do luchd-siubhail mun chunnart a th' ann a dhol faisg air beathaichean ann an dùthchannan cèin.

Brexit

Tha àrd bharganaiche an Aonaidh Eòrpaich, Michel Barnier, air a ràdh ri ministearan à dùthchannan an aonaidh nach deach aonta sam bith a ruighinn a thaobh Brexit. A' bruidhinn aig coinneimh sa Bhruiseal madainn an-diugh, thuirt Mgr Barnier gun robhar fhathast a' còmhradh mu chuspairean air leth cudromach; tha a' chrìoch le Poblachd na h-Èireann air aon dhuibh sin. Thuirt grunn mhinistearan gun robhar a' ruith a-mach à ùine airson aonta sam bith a ruighinn a thaobh Brexit.

Renee NicRath

Tha piuthar tè bhon Ghàidhealtachd a thathar a' creidsinn a chaidh a mhurt bho chionn còrr air 40 bliadhna le a mac nach robh ach trì bliadhna dh' aois, air iarrtas às ùr a dhèanamh airson fiosrachadh mu na thachair. Chunnacas Renee NicRath agus am balach beag aice Anndra mu dheireadh air iomall baile Inbhir Nis air an 12mh den t-Samhainn ann an 1976.

Teintean Chalifornia

Tha oifigich ann an ceann a tuath Chalifornia ag ràdh gu bheil co-dhiù 29 duine air am beatha a chall ann an teintean. Tha còrr air 200 eile air chall. B'fheudar do 250,000 duine na dachaighean aca fhàgail ri linn a' chunnart a th' ann o na teintean.