Geama iomain na h-Iolaire

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Geama iomain na h-Iolaire.

Thèid geama sònraichte iomain air adhart ann an Steòrnabhagh air a' chiad là den Bhliadhna Ùir gus comharrachadh 100 bliadhna bho chall na h-Iolaire.

Chaidh an soitheach fodha faisg air Steòrnabhagh madainn Là na Bliadhn' Ùire 1919 agus i a' tilleadh le seòladairean is saighdearan bhon Chogadh Mhòr.

Chaill 201 de na bha air bòrd am beatha.

Tha tòrr a' dol air adhart gus an 100 bliadhna a chomharrachadh, is tha e a-nise air tighinn am follais gum bi an geama iomain seo na mheasg.

Thig Ceann Loch Seile a Steòrnabhagh gus a dhol an aghaidh Camanachd Leòdhais.

Tha seo iomchaidh dha-rìribh.

Ceanglaichean

Bha iomain làidir anns na h-Eileanan aig an àm agus b' e an spòrs a bha mòran de na balaich a' cluich mus deach iad dhan chogadh.

A bharrachd air sin, tha Ceann Loch Seile a' riochdachadh a' Chaoil, am port às an do dh'fhàg an Iolaire air a slighe a Leòdhas.

"Chan eil e comasach a chur ann am facail buaidh na thachair ach tha e ri fhaireachdainn nar coimhearsnachdan chun an là an-diugh", thuirt sgiobair Camanachd Leòdhais, Alasdair Lamont

"Tha sinn a' faireachdainn gu bheil e iomchaidh geama iomain a chluich mar dhòigh air cuimhneachadh air na gillean, oir 's e iomain an spòrs a bh' aca mus do dh'fhàg iad an dachaigh airson sabaid air ar son", thuirt e.

Thuirt Ceann Loch Seile gur e urram a bhios ann dhaibhsan cluich sa gheama.

"Tha an tachartas seo na chuimhneachan air cho cugallach 's a tha beatha mhic an duine agus cho fortanach 's a tha sinn gu bheil cothrom againn cluiche ar geama ann an saorsa", thuirt fear de stiùirichean Cheann Loch Seile, Niall MacRath.

"Chan urrainn dhuinn ach tomhais dè an ìre a bhiodh iomain air ruighinn sna h-Eileanan mura b' e a' Chiad Chogadh. Tha sinn a' coimhead air adhart ri geama càirdeil leis na gillean a tha a-nise air an spòrs ath-bheòthachadh ann an Leòdhas", thuirt e.

Freagarrach

Chan eil duine, 's dòcha, cho eòlach air na ceanglaichean eadar cogadh is iomain ris an Dr Ùisdean MacIllinnein.

Tha e dìreach air crìoch a chur air a' chonsairt mu dheireadh ann na sreath Curaidhean na Camanachd.

Thuirt e gum bi an geama seo freagarrach dha-rìribh.

"An dèidh sgrios a' Chogaidh Mhòir 's ann aig sealbh a tha brath dè bh' air inntinn na chaidh air bòrd na h-Iolaire anns a' Chaol. Faochadh a bhith a' dol dhachaigh, tha mi cinnteach, agus faireachdainnean, misneachd agus togail na bliadhna ùire, a dh'aindeoin àmhghairean nan ceithir bliadhna roimhe sin.

"Bhiodh cleachdaidhean na Callainn air an aire am measg ghnothaichean eile, agus leis sin tha e air leth freagarrach gum bi balaich taobh Siar Rois agus seòid an eilein ag ùrachadh na Callainn mar chuimhneachan air na thachair. A h-uile là a chì is nach fhaic", thuirt e.

Chuir Buidheann Obrach na h-Iolaire fàilte air an naidheachd gum bi an geama ann cuideachd.

Toisichidh an geama aig 1.30f air a' chiad latha den Fhaoileach aig Pàirc Cheann a' Bhàigh ann an Steòrnabhagh.