Moladh mòr bhon Robasdanach

ICT Image copyright SNS
Image caption Tom Walsh air a dhòigh às dèidh dha tadhal a chur an aghaidh Phartaig.

Thuirt manaidsear Chaley Thistle nach eil na cluicheadairean aige air a bhith a' faighinn moladh mar bu chòir.

Dh'èirich sgioba Iain Robasdain dhan cheathramh àite san Championship às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Partaig 1-0 air an deireadh-sheachdain.

Thug sin gu ceann sreath de sheachd geamaichean anns an robh ICT co-ionnan, is leudaich e an t-sreath gheamaichean lìge aca gun chall gu 24.

Thuirt Robasdan gur e rud fìor iongantach a tha sin.

"'S dòcha gun aithnich daoine a-nise cho sònraichte 's a tha seo", thuirt Robasdan.

Sònraichte

"A bhith a' dol 24 geamaichean gun chall san lìog a tha seo, tha sin do-chreidsinneach, is tha mi den bheachd gu bheil an t-sreath de gheamaichean anns an robh sinn co-ionnan, gu bheil sin air toirt air falbh beagan bhon rud iongantach a tha sinn air dèanamh.

"'S dòcha a-nise gun can daoine gur e oidhirp shònraichte a tha seo bho na cluicheadairean", thuirt e.

B' e tadhal bho Tom Walsh a bhuannaich an geama do dh'Inbhir Nis aig Firhill, ged a bha iad cuideachd taingeil dha Mark Ridgers a chuir stad air breab-peanais bho Blair Spittal.

Thèid ICT a-nise a Dhùn Phris Disathairne seo tighinn.

Ged a bha Iain Robasdan ri gàirdeachas, bha mì-thoileachas ann an Inbhir Pheofharain far an do chaill Ross County 1-0 ri Dundee United.

Deiseil

B' e tadhal bho Phòl Watson tràth sa gheama a ghlèidh na puingean dha United is iad a-nise dìreach puing air cùl Chounty.

"Gu follaiseach cha robh còir againn an geama sin a chall, chìtheadh duine sam bith a bha an làthair sin", thuirt co-mhanaidsear Chounty, Stiùbhart Kettlewell.

"Feumaidh sinn dìreach gluasad air adhart is a bhith deiseil airson an ath-gheama", thuirt e.

Bidh an geama sin ann an Cupa Irn-Bru Disathairne seo tighinn an aghaidh sgioba òigridh Thobar na Màthar.