Taic do phlana coimhearsnachd a' Chàirn Ghuirm
- Published
Tha e coltach gu bheil taic a' fàs airson plana gus Ionad-sgithidh a' Chàirn Ghuirm a chur ann an làmhan na coimhearsnachd.
Tha troimh-chèile a' cuairteachadh an ionaid an-dràsta is rèile beinne a' Chàirn Ghuirm fhathast dùinte air adhbharan sàbhailteachd.
Tha draghan a' leantainn mun bhuaidh a tha seo a' toirt air eaconomaidh na sgìre.
'S ann le Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean a tha an goireas ach tha a' chompanaidh Natural Retreats ga ruith dhaibh.
'S iad a' bhuidheann Urras Coimhearsnachd na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir a tha air cùl plana gus an t-ionad a chur fo smachd na coimhearsnachd.
Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil daoine a' call earbsa ann an Natural Retreats.
Cliù
Tha Seumas Grannd, a bha fad bhliadhnaichean ag obair ann an gnìomhachas turasachd na sgìre, nam measg.
"Chanainn gur e am funicular bun-stèidh eaconomaidh na sgìre anns a' gheamhradh is mar sin bidh droch bhuaidh aige air eaconomaidh na sgìre is air cliù na sgìre.
"Bha droch bhuaidh aige mar-thà air cliù na sgìre", thuirt e.
Chuir Mgr Grannd cuideachd a thaic ri oidhirp na coimhearsnachd.
"B' fheàrr leam gur e muinntir an àite, na daoine a tha an sàs ann an sgitheadh is bòrdadh, daoine a tha fiosrach is mion-eòlach air a' ghnothach, gum biodh iad fada na b' fheàr a' ruith ghnothaichean", thuirt Mgr Grannd.
Molaidhean
"Bheireadh e tìde agus gun teagamh dh'fheumadh Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a bhith air a chùlaibh gu mòr.
"S dòcha gum faic sinn an là fhathast nuair a tha muinntir na coimhearsnachd, na daoine a tha a' fuireach an seo, a' ruith a' Chàirn Ghuirm is smachd aca thairis air dè tha a' tachairt suas an sin", thuirt e.
An t-seachdain seo chaidh, dh'fhoillsich HIE aithisg air mar a ghabhadh goireasan a' Chàirn Ghuirm a leasachadh.
Cho-dhùin an aithisg gu bheil cothroman mòra ann, ach gum biodh feum air £27m a chosg anns na beagan bhliadhnaichean ri tighinn gus an toirt gu buil.
Tha Urras Coimhearsnachd na h-Aghaidh Mòire a' gealltainn nam molaidhean aca fhèin a chur air adhart an ceartuair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 2 An Dàmhair 2018
- Published
- 7 An t-Samhain 2018