Iolaire
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Treas Suaile

9 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bidh cuirm-ciùil ann an Steòrnabhagh air a bheil 'An Treas Suaile', mar chuimhneachan air call na h-'Iolaire'.

Bhàsaich 201 nuair a chaidh an soitheach air na sgeirean a' toirt sheòladairean dhachaigh airson na Bliadhn' Ùire, às dèidh a' Chogaidh Mhòir.

Chaidh Aonghas Dòmhnallach a choimhead Julie Fowlis agus Donnchadh Siosalach agus iad a' deasachadh airson 'An Treas Suaile'.