Port-fànais a' gabhail cheum air adhart

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Rocket Labs

Thuirt Iomairt na Gàihealtachd 's nan Eilean (HIE) gun dèan iad conaltradh nas motha ri daoine a tha a' fuireach faisg air làrach air a bheileas am beachd pòrt fànais a stèidheachadh ann an Dùthaich MhicAoidh.

Chaidh fearann air Oighreachd Chroitearan Thaobh Mhealnais a chomharrachadh mar làrach a bhiodh freagarrach airson rocaidean, a bhiodh a' giùlain mheanbh-shaidealan, a chur gu fànais.

Tha an oighreachd am beachd obrachadh còmhla ri HIE air a' phròiseact an dèidh baileat am measg nan croitearan.

Ach tha buidheann iomairt, anns a bheil cuid de na croitearan, agus daoine eile a tha a' fuireach san sgìre, a' cur an aghaidh a' phlana.

An Àrainneachd

Tha dragh air a' bhuidhinn, air a bheil "Protect The Mhoine", gun toir am port-fànais droch bhuaidh air an àrainneachd agus air cruth na tìre, mu chrìoch na sgìre toirmisgte a bhiodh ann timcheall air, agus mar a chaidh co-chomhairle mun phròiseact a làimhseachadh.

Bha 27 de na bhòtaichean a chaidh a chaitheamh anns a' bhaileat a chùm an Oighreachd airson gun obraicheadh i còmhla ri HIE, le 18 na aghaidh. Bha aon bhaileat a chaidh a mhilleadh.

Thuirt HIE gur dòcha gun tèid iarrtas cead-dealbhachaidh airson a' leasachaidh, air rubha ris an canar A' Mhòine, a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.

"'S e pròiseact sònraichte agus iongantach a th' ann a bhith a' stèidheachadh làrach an Alba far an gabh rocaidean a chur gu fànais," thuirt stiùiriche phròiseactan HIE, Roy Kirk.

Tùs an deilbh, David Glass/Geograph

"Tha sinn taingeil do chroitearan Thaobh Mhealnais airson aontachadh obrachadh còmhla rinn agus sinn a' toirt phlanaichean air adhart gus na tha san amharc againn a thoirt gu buil ann an Dùthaich MhicAoidh.

"Tha sinn gu làidir den bheachd gum fosgail am port-fànais grunn chothroman do ghnìomhachasan a dh'iarradh a dhol an sàs ann a bhith a' toirt fàis air roinn na fànais.

"Màr phàirt de na h-ath-cheumannan againn, bidh sinn a' dèanamh conaltraidh nas motha, a dhèanamh cinnteach gu bheil fhios aig daoine mu na bhios am port-fànais a' ciallachadh dhaibhsan.

"Gabhaidh e tuigsinn gu bheil dragh air daoine, a thuilleadh air dòchas, a thaobh pròiseict den leithid, agus bidh sinne a' dèanamh cinnteach gum bi cothroman ann coinneachadh agus bruidhinn mu na cùisean gu lèir, bho chosnaidhean agus buannachdan eaconomach eile, gu sàbhailteachd agus an àrainneachd."

Baileat

Thuirt Cathraiche Oighreachd Chroitearan Thaobh Mhealnais, Dorothy Pritchard: "Chùm an Oighreachd baileat a nochd taic airson còmhraidhean a leantainn a dh'ionnsaigh aonta a thaobh seo.

"Tha seo a' ciallachadh, gu sìmplidh, gu bheil sinn deònach cumail a' brudhinn ri HIE, a bhith ag obrachadh a dh'ionnsaigh aonta, agus air a' cheann thall aonta air màl fearainn.

"'S ann air HIE a bhios an t-uallach tuigse a shealltainn a thaobh sàbhailteachd agus na h-àrainneachd."

Thuirt i gum faca iadsan a bhòt air a shon mòran bhuannachdan ionadail, a' gabhail a-steach chothroman obrach agus chothroman do dhaoine òga.

Tùs an deilbh, Orbex

Ach thuirt i cuideachd gun robh iad "coltach riuthasan a chuir an aghaidh an leasachaidh" ag iarraidh gun deadh am pròiseact a dhèanamh ann an dòigh a bheireadh buaidh cho beag 's a ghabhadh air an àrainneachd, agus gun deadh freagairtean ceart a thoirt do dhraghan mu shàbhailteachd.

Tha Buidheann Fànais Bhreatainn a' cur taic ris a' phort-fànais, air a bheil UKVL Sutherland.

Tha na companaidhean Orbex agus Lockheed Martin an dùil rocaidean a chur gu fànais às an làraich tràth anns na 2020an, ma thèid an leasachadh air adhart.

Carson a' Mhòine?

Bheireadh an làrach cothrom saidealan a chur gu orbitean sònraichte.

Fo na molaidhean, bhiodh saidealan às an làraich a' sgèith bho thuath gu deas.

Mar a tha a' Chruinne-Cè a' tionndadh dheadh aig na saidealan air coimhead ris a' phlanaid gu lèir, thairis air ceithir no còig làithean.

Tha ùidh aig buidhnean a tha a' coimhead ri pàtrain àiteachais, truailleadh no gluasad deighe ann an leithid seo de dh'fhaire saideil air a' Chruinne-Cè.

Ann an Alba, tha Buidheann Fànais Bhreatainn cuideachd an sàs ann am planaichean airson ionad fànais ann an Unst an ceann a tuath Shealtainn.