Isean luaireig sna h-Eileanan Mòra
- Air fhoillseachadh

Chaidh gairm isean luaireig Eòrpaich a chlàradh sna h-Eileanan Mòra airson na ciad uaireach a-riamh.
Tha seo na adhbhar toileachais do luchd-glèidhteachais a tha air a bhith ag obair sna h-eileanan sna bliadhnachan mu dheireadh.
Bha dòchas ann na bu thràithe air a' bhliadhna gu robh oidhirp eòin-mhara a thàladh gu na h-Eileanan Mòra a' soirbheachadh nuair a dh'innis luchd-glèidhteachais gu robh iad air faighinn cuidhteas de rodain dhubha nan eilean.
Bha na rodain air a dhol air na h-eileanan, a tha mu 5 mìle far chladaichean na Hearadh, aig toiseach na linn mu dheireadh.
Isean
Thathas a' tuigse gun tàinig iad bho shoithichean a chaidh air na creagan sna 1900n.
Chan fhaighear luaireagan ann an àiteachan far a bheil rodain, a bhios ag ithe nan uighean aca.
Le sin bha toileachas ann an-uiridh nuair a chaidh gairm luaireagan a chlàradh ann.
A-nis chaidh gairm isean luaireig a chlàradh.
Chaidh gairm luaireagan eile a chlàradh cuideachd am bliadhna a' toirt dòchais do luchd-glèidhteachais gun tig àl bhuapa-san cuideachd.