Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Astàilia

Thuirt na h-ùghdarrasan ann an Astràilia gu bheil iad a' dèiligeadh ri ionnsaigh sgèine anns an deach aon duine a mharbhadh agus dithis eile a leòn mar tachartas ceannairc. Chaidh Poilis Mhelbourne a ghairm gu càr a bha na theine ann an tè de na pàirtean is trainge den bhaile an-diugh sa mhadainn. Nuair a ràinig iad an làrach thug fireannach ionnsaigh orra le sgian. Loisg na h-oifigearan air agus chaidh a thoirt dhan ospadal far an do bhàsaich e. Tha na poilis air innse gun robh an càr lan le canastairean gas.

Brexit

Chuir Pàrtaidh Aonaidh Ullaidh as leth a' Phrìomhaire gun do bhrist i gealladh nach gabhaidh i ri aonta Brexit a dh'fhàgadh Èirinn a Tuath ann a suidheachadh eadar dhealaichte bhon a' chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte. Tha an DUP ag ràdh gu bheil litir bhon a' Bhana-mhaighstir May a' sealltainn gum biodh i deònach riaghailtean margaidh singilte an EU a chumail ann an Èirinn a Tuath. Thuirt Sràid Downing nach aontaicheadh an riaghaltas ri dad sam bith a chruthaichean crìoch chruaidh ann am Muir na h-Eireann.

Eaconamaidh

Dh'fhàs eaconamaidh Bhreatainn neonaidh puing a sia 'sa cheud anns an treas chairteal den bhliadhna, a rèir àireamhan a chaidh fhoillseachadh le Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Thuirt an ONS gun robh samhradh làidir air a bhith aig an eaconamaidh, ach gun do thòisich cùisean a' tuiteam air ais beagan anns an t-Sultain.

Bùitean

Tha luchd-rannsachaidh a' cur pàirt den choire airson àrdachadh anns an àireamh de bhùitean a tha dùnadh ann an Alba air mar a tha barrachd stuth ga cheannach air-loidhne, agus daoine a' cur seachad barrachd ùine 'san taigh. Tha àireamhan a' sealltainn gun do dh'fhosgail leth-cheud 'sa h-ochd bùithtean ùra ann am bailtean na h-Alba anns a' chiad leth dhen bhliadhna, le ceud 'sa seachd a' dùnadh - call de dhà fhichead 'sa naoi, seachd thairis air a' chall airson an aon àm an-uiridh.

Taliban

Tha riochdairean nan Taliban ann am Mosco airson co-labhairt eadar-nàiseanta air sìth ann an Afganastan. Seo a' chiad uair a tha a' bhuidheann radaigeach air gnothaich a ghabhail ri leithid a dh'iomairt. Tha riaghaltas Afganastan air buill den Àrd-chomhairle Sìth aca a chur chun a' chruinneachaidh.