Coinneamh còmhdhail ann an Uibhist
- Published
Coinnichidh riochdairean nan Eilean Siar ri ceannardan còmhdhail ann an Uibhist Dihaoine, le seirbheisean aiseig na sgìre gu math àrd air a' chlàr-gnothaich aca.
Coinnnichidh daoine bho Chomhairle nan Eilean Siar ri Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, agus riochdairean bho leithid ChalMac, CMAL agus HiTrans.
Thuirt an comhairliche Uibhisteach, Ùisdean Robasdan, a tha cuideachd na chathraiche air Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar gun robh e an dòchas gum biodh rudeigin aig a' mhinistear dhan choimhearsnachd.
"Tha fhios aig a h-uile duine mun trioblaid a bh' againn aig àm na Càisge agus a' bhuaidh a bha aige air eaconamaidh Uibhist fhèin," thuirt e.
Clàr-ama
Thuirt Mgr Robasdan gun robh e den bheachd gun deadh bruidhinn air an duilgheadas a tha ann a thaobh a bhith a' faighinn bhàtaichean-aiseig air màl airson seasmhachd lìonra ChalMac a dhèanamh nas làidire.
Bu chaomh le Mgr Rodasdan gun deadh bruidhinn cuideachd mun fhiosrachadh a tha air a sgaoileadh nuair a tha droch thìde a' toirt buaidh air na seirbheisean.
A thuilleadh air sin tha e ag iarraidh dearbhadh air a' chlàr-ama a th' ann airson an dà bhàt-aiseig ùr a thathas a' togail ann an Gàradh Shoithichean MhicFhearghais.
Bha dùil an toiseach gum biodh an MV Glen Sannox, a tha gu bhith air slighe Arainn, deiseil as t-Samhradh am-bliadhna.
Ach cha bhi i deiseil a-nis gu an Ògmhios 2019.
Tha dàil cuideachd air an dàrna bàt-aiseig, an MV 802, a bhios air an t-slighe eadar an t-Eilean Sgitheanach, na Hearadh is Uibhist a Tuath.
Chan eil dùil rithe-se a-nis gu an Lùnastal 2020.
Tha dragh air Mgr Robasdan nach tèid cumail ris a' chlàr-ama às ùire nas motha.
Dreuchdan
Thuirt Mgr Robasdan cuideachd gun deadh togail air a bhith a' gluasad cuid de dh'obraichean ChalMac ann an Guraig gu na h-eileanan.
"Tha sinn a' faireachdainn gun deach an doras fhosgladh rud beag leis an àrd-oifigear ùr aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn. Tha e a' coimhead air sin.
"Tha mi air fiosrachadh fhaighinn gu bheil an t-oifigear sgìreil aca gus a bhith stèidhichte ann an Steòrnabhagh. 'S e gluasad a tha ann an sin fhèin.
"Ach aig an aon àm bhiodh sinn airson barrachd agus barrachd de na h-obraichean fhaicinn agus chòrdadh e rinn barrachd den chumhachd a bhith aig na puirt fhèin, oir 's ann acasan a tha am fiosrachadh dòigheil agus tha trioblaidean uabhasach air a bhith againne a thaobh fiosrachadh dòigheil fhaighinn a-mach dhan choimhearsnachd ma tha aiseigean a' briseadh sìos no ma tha droch shìde ann," thuirt e.