"Microdots" gan cur an clòimh chaorach

Air fhoillseachadh

Thèid teicneòlas a tha ag amas air stad a chur air mèirlich bho a bhith a' goid luaidhe bho mhullach eaglaisean a chur gu feum airson bacadh a chur air mèirle chaorach.

Thathas a' tomhais gu bheil seo a' cosg nan ceudan mhìltean Notaichean air tuathanaich gach bliadhna.

Tha tagaichean ann an cluasan chaorach, agus comharran air an cloimh, a' sealltainn cò leis iad.

Ach faodaidh an fheadhainn a tha gan goid na comharran seo fhalach, na tagaichean a thoirt àsta agus feadhainn ùra a chur annta.

A-nis tha tuathanaich a' dol a dh'fheuchainn siostaim ùir fon tèid na mìltean de chomharran beaga ris an canar microdots a chur ann an cloimhe nan caorach.

Mairidh na comharran seo, fiù 's às dèidh dhan chaora a bhith air a rusgadh.

Ghabhadh dearbhadh aig taigh-spadaidh no margaidh sprèidh mas e 's gun deach am beathach a ghoid.

Tha dòchas ann gun cuir seo bacadh air feadhainn a tha ri goid chaorach.