Là sgilean Gàidhlig air fàire

Taigh-chluiche Eden Court
Image caption Bidh an tachartas ann an Eden Court.

Gheibh sgoilearan air feadh na Gàidhealtachd cothrom an ath-sheachdain sùil a thoirt air dè seòrsa chothroman obrach a dh'fhaodadh a bhith romhpa leis a' Ghàidhlig.

Bidh iomadh companaidh aig an tachartas aig Eden Court ann an Inbhir Nis Diardaoin sa tighinn agus Leasachadh Sgilean na h-Alba, HIE, Bòrd na Gàidhlig 's Comhairle na Gàidhealtachd uile a' cur taic ris.

"Tha na tachartasan a tha seo an dèidh a bhith a' tachairt a-nis anns na trì no ceithir bhliadhnaichean mu dheireadh," thuirt Derek MacCoinnich bho Leasachadh Sgilean na h-Alba.

"An t-adhbhar a tha sinn ga dhèanamh, 's e gun robh sinn air mothachadh gun robh tòrr dhaoine às dèidh na dàrna bliadhna san àrd-sgoil, bha iad a' leigeil seachad na Gàidhlig.

"Tha sinne a' toirt orra sealltainn air na cothroman a th' ann a thaobh obraichean ma tha sgilean Gàidhlig aca, agus a-rèiste air an tritheamh bliadhna gun cùm iad a' dol leis a' Ghàidhlig.

"Tha dùil againn ri suas ri 200 sgoilear, agus tha iad bho sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd," thuirt e.