Leudachadh air seirbheisean BA a dh'Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Chuir Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) fàilte air an naidheachd gu bheil British Airways a' leudachadh na seirbheis aca gu Inbhir Nis.
Bhon t-samhradh an ath-bhliadhna, bidh dà sheirbheis, air ais 's air adhart, eadar Inbhir Nis agus Port-adhair Heathrow ann an Lunnainn, agus trì sheirbheisean, air ais agus air adhart, aig deireadh na seachdain.
Tha an clàr-ama ùr a' ciallachdh gum bi am plèana air fhàgail ann an Inbhir Nis tron oidhche 'son a' chiad uair bho chaidh an t-seirbheis ath-stèidheachadh ann an 2016.
Tha BA ag ràdh gu bheil sin a' ciallachadh gum bi cothrom aig daoine siubhail eadar an dà bhaile sa mhadainn, làn là obrach a dhèanamh agus tilleadh dhachaigh air an oidhche.
Cothroman siubhail
Bhon Mhàirt 2019, èirichidh àireamh nan seirbheisean adhair eadar an dà bhaile ann am mìosan an t-samhraidh bho 10 gu 16.
Thuirt Àrd-stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, gur e atharrachadh mòr a tha seo do dh'Inbhir Nis agus dhan Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.
"Tha e a' ciallachadh gum bi cothroman ùra aig luchd-siubhail ceangal ri seirbheisean agus àiteachan eile tro fhear dha na puirt-adhair às motha air an t-saoghal.
"Bidh cothrom aig barrachd dhaoine siubhal bhon sgìre againn air aon tiocaid," thuirt e.