Molaidhean 'son uairean fosgailte ùra
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Getty Images
Dh'fhaodadh gum faigh taighean-seinnse agus clubaichean-oidhche cead fuireach fosgailte nas fhaide aig àm na Nollaig.
Ma thèid gabhail ri molaidhean, bidh cothrom aig àiteachan far a bheil "tachartasan sònraichte" aig an Nollaig, Oidhche Challainn agus Là na Bliadhn' Ùire fuireach fosgailte gu 4:00m an ath-mhadainn.
An-dràsta chan urrainn dhaibh a bhith fosgailte càil nas fhaide na 3:00m.
Ma thèid cead a thoirt seachad, dheadh na h-uairean fosgailte ùra a chur an sàs an ath-bhliadhna.
Thòisich Bòrd Ceadach na Gàidhealtachd co-chomhairle phoblach mu na molaidhean.