Dragh mu thaic heileacoptairean an MCA
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Bristow Helicopters
Thug Riaghaltas Westminster an cùmhnant do Bhristows ann an 2013 agus chaidh a' chuid as motha dhan obair a ghluasad ann an 2015 agus 2016.
Chaidh dragh a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba mun ìre de thaic a tha buidhnean teasairginn nam beann a' faighinn bho heileacoptairean mhaor-cladaich a chuirear dhan roinn phrìobhaidich.
Tha seo an dèidh do ghrunn sgiobaidhean teasairginn beinne rabhadh a thoirt gun tàinig orra, aig amannan, cuirp a thoirt far nam beanntan gun taic heileacoptair bho chaidh cùmhnant an MCA a thoirt do Bhristow.
Ron seo bha buidhnean teasairginn nam beann, a tha ag obair gu saor-thoileach, a' faighinn taic heileacoptair bho sgiobaidhean airm.
Chaidh a' chùis a thogail le BPA na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Rhoda Ghrannd.
Thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gun robh an Riaghaltas air bruidhinn ris na maoir-chladaich mun chùis.