Dragh mu àite na Gàidhlig aig HIE

A' Ghàidhlig sgrìobhte air bòrd geal

Chaidh fàgail air Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean gur e cùis nàire a th' ann nach eil duine a-nis air bòrd-stiùiridh na buidhne, no am measg nan àrd-oifigearan, aig a bheil a' Ghàidhlig.

Ach thuirt HIE gu bheil ùidh aig co-dhiù cuid air a' bhòrd-stiùiridh sa chànan, agus gu bheil iad an sàs ann an sreath phròiseactan a tha a' cur taic ris a' Ghàidhlig sa choimhearsnachd.

Tha Pàdraig Moireasdan a tha ag iomairt às leth na Gàidhlig, agus a bhruidhinn aig tachartas aig HIE bho chionn cola-deug mu àite a' chànain ann an turasachd, ag ràdh gur e droch rud a tha seo.

"Aig àm nuair a tha còir againn a bhith a' faicinn adhartais ga dhèanamh agus tòrr putaidh agus strì a thaobh na Gàidhlig 's e, mar gum biodh, ceum air ais a tha seo gun a' Ghàidhlig a bhith ann an sin agus tha mi a' smaoineachadh gur e adhbhar uallaich a th' ann nach eil a' Ghàidhlig aig cridhe agus aig mullach na buidhne sin.

Riochdachadh

"Tha sinn air a bhith fad bhliadhnaichean mòra, mòra, gun na Gàidheil a' riochdachadh nan Gàidheal fhèin.

"Bu chòir dhuinn a bhith aig ìre a-nis ann an 2018 far a bheil na Gàidheil fhèin - chan e dìreach na daoine às an àite, ach na daoine cuideachd aig a bheil an cànan agus làn thuigse den dualchas agus gu bheil sin aca agus gan riochdachadh dha na daoine," thuirt e.

Thuirt HIE gu bheil ùidh agus eòlas aig a' bhòrd-stiùiridh sa Ghàidhlig agus anns an dualchas, agus gu bheil iad mothachail air cho cudromach 's a tha i agus air na cothroman a tha na lùib.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad a' cur taic ri grunn phròiseactan, leithid Fèisean nan Gàidheal, mòdan, Ceòlas is eile gus piseach a thoirt air a' chànan anns a' choimhearsnachd.