Iasgair air a dhraghadh dhan mhuir
- Air fhoillseachadh

Fhuair rannsachadh nach robh an criutha air an deisealachadh mar a bha còir ro thubaist mharbhtaich air bòrd bàta-iasgaich faisg air Dùthaich MhicAoidh.
Chaidh Mark Elder, aois 26 bliadhna agus à Inbhir Theòrsa, a bhàthadh nuair a chaidh a shlaodadh dhan mhuir an dèidh dha a bhith air a ghlacadh le ròpa.
Thachair an tubaist air bòrd a' bhàta-iasgaich an North Star faisg air a' Pharbh sa Ghearran am bliadhna.
Fhuair aithisg bho Mheur Rannsachadh nan Tubaistean Mara, an MAIB, nach robh an criutha air trèanadh practaigeach a dhèanamh a thaobh dè a bu chòir a bhith air a dhèanamh ma thèid cuideigin dhan mhuir agus nach robh iad ullaichte airson an t-suidheachaidh èiginnich.
Neo-shàbhailte
Thuirt an luchd-sgrùdaidh gu robh Mgr Elder ag obair ann an àite nach robh sàbhailte leis nach robh bacadh sa bith eadar e fhèin agus an ròpa cùil air an deic a bha gluasad fhad sa bha na clèibh gan cuir dhan mhuir.
Cha robh sgian faisg air làimh nas motha airson Mgr Elder a shaoradh agus cha b'urrainn dhan sgiobair am bàta a stad luath gu leòr mus deach Mgr Elder a dhraghadh dhan mhuir.
Fhuair buill eile den chriutha Mgr Elder a-mach às an uisge às dèidh 10 mionaidean agus rinn iad CPR air fad 90 mionaidean, ach cha deach aca air a shàbhaladh.
Ràinig heileacoptair teasairginn làrach na tubaiste às dèidh uair a thìde ach cha b'urrainn dhaibh Mgr Elder a thogail le cho dona sa bha an fhairge agus sheòl an Northern Star air ais gu Sgrabastair, far a bheil i stèidhichte.
Cùrsaichean
Fhuair aithisg an MAIB nach robh seacaidean sàbhalaidh air gin den chriutha.
A bharrachd air sin, cha robh Mark Elder air cùrsaichean slàinte is sàbhailteachd 'son luchd-obrach aig muir a dhèanamh.
Bha Mgr Elder ag obair ann am factaraidh Scrabster Seafoods Earranta air cùmhnant gun uairean stèidhichte, ach bha e a' miannachadh a bhith mar phàirt de chriutha an Northern Star làn-ùine.
B'e seo an seachdamh turas aige air bòrd.